Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Baile Chaol Àcainn, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_061
ÀITE
Caol Àcain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12885
KEYWORDS
Caol Àcain
sgadan
iasgach
fear-taca
am Morair Dòmhnallach, Caiseal Maol
Kyle-akin Village, Skye

Chaidh a' chairt-phuist seo de Chaol Àcainn a dhèanamh aig deireadh an 19mh/tòiseach an 20mh linn. Chan e an sealladh cairt-puist àbhaisteach den bhaile a tha seo oir chaidh a thogail bhon chnoc air bheil tobhta Caisteal Maol agus tha e a' sealltainn an Òib, sàilean agus àite fasgaidh airson bhàtaichean. Tha an t-inbhir seo a tha air cùl a' bhaile na dheagh àrainneachd airson lusan làthaich agus na dheagh làrach-biathaidh do dh'eòin ghrunnachaidh is do gheòidh. Tha na taighean anns a' bhaile air an togail air beulaibh a' phrìomh rathaid agus tha feur ann bho oir an rathad gus an cladach. Deas air na taighean bha an cidhe trang far am biodh a' mhòr-chuid den trafaig don Eilean Sgitheanach a' tighinn air tìr.

Ann an 1811, bha moladh aig an uachdaran am Morair Dòmhnallach baile mòr malairt is gnìomhachais a dhèanamh den bhaile agus ainm ùr a thoirt dha, Liverpool Nuadh. Bhiodh ainmean mar Mews Lane agus King Street air na sràidean. Cha deach ach beagan thogalaichean a thogail mus deach am plana a leigeil seachad nuair a dh'fhàs e follaiseach gun robh an t-àite ro iomallach agus nach biodh daoine deònach imrich a dhèanamh ann. Deicheadan às dèidh seo, bhiodh na bàtaichean iasgaich a' cur sgadan air tìr an seo airson nan ceithir stèiseanan ciùirigidh far am biodh sgadan air a cutadh agus air a sailleadh mus rachadh a chur do mhargaidhean ann an Glaschu.

Ann am meadhan na deilbhe, tha an King's Arms Hotel, taigh-òsta a chaidh a dhealbhadh le J Gillespie Graham mun bhliadhna 1815 agus air an rathad a-mach às a' bhaile tha na gàrraidhean coillteach a tha a' cuartachadh Kyle House a chaidh a thogail mun bhliadhna 1800 airson fear-taca a' Mhorair Dhòmhnallaich. Gu h-inntinneach, chaidh a' chairt-puist seo a chur gu tè Miss Grant anns an taigh-òsta an Caol Àcainn leis an nota 'that's a view of your own place'

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baile Chaol Àcainn, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1900an

Caol Àcain; sgadan; iasgach; fear-taca; am Morair Dòmhnallach, Caiseal Maol

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards