Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Eaglais Shaor, Oifis a' Phuist,, agus Beinn na Caillich, Caol Àcainn
EXTERNAL ID
HCD_CARD_062
ÀITE
Caol Àcain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1900an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12886
KEYWORDS
Beinn na Caillich
Caol Àcainn
An Eaglais Shaor
Oifis a' Phuist
obair togail
am Morair Dòmhnallach
Free Church, Post Office, and Cailleach, Kyleakin

Chaidh an dealbh seo a thogail aig deireadh an 19mh/tòiseach an 20mh linn air a' chladach ann an Caol Àcainn. Tha deagh shealladh thairis air Loch Aillse gu Caol Loch Aillse air taobh eile a' chaol bhon sreath taighean faisg air a' chladach ann an Caol Àcainn a chionn 's gu bheil iad pìos air falbh bhon phrìomh-rathad agus a chionn 's nach eil taigh sam bith air taobh eile an rathaid. Air an taobh chlì, chithear an Eaglais Shaor a rinn J. Pond MacDhòmhnaill mun bhliadhna 1896. Bha bùth agus oifis a' phuist anns an togalach le trì làran. Dh'fhosgail oifis a' phuist an toiseach ann an 1843. Bha planaichean mòra aig an uachdaran am Morair Dòmhnallach baile mòr malairt is gnìomhachais a dhèanamh den bhaile agus ainm ùr a thoirt dha - Liverpool Nuadh. Choimisean e James Gillespie Graham gus planaichean a dhealbhadh airson a' bhaile le taighean mòra, stìoballan agus sràidean le ainmean mar Mews Lane agus King Street.

Cha deach ach beagan thogalaichean a thogail mus deach am plana a leigeil seachad nuair a dh'fhàs e follaiseach gun robh an t-àite ro iomallach agus nach biodh daoine deònach imrich a dhèanamh ann.

Air cùl nan taighean tha Beinn na Caillich aig 733m

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Eaglais Shaor, Oifis a' Phuist,, agus Beinn na Caillich, Caol Àcainn

INBHIR NIS: An Srath

1900an

Beinn na Caillich; Caol Àcainn; An Eaglais Shaor; Oifis a' Phuist; obair togail; am Morair Dòmhnallach

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards