Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caol Àcainn agus Beinn na Caillich
EXTERNAL ID
HCD_CARD_064
ÀITE
Caol Àcain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12888
KEYWORDS
cala
Caol Àcainn
am Morair Dòmhnallach
Liverpool Ùr
luchd-turais
Kyleakin and Beinn-na-Cailleach

Tha baile Chaol Àcainn air a' chladach agus tha na taighean pìos air falbh bhon rathad agus deagh shealladh ann de Loch Aillse agus den Chaol air taobh eile a' chaolais. Ann am meadhan na deilbhe seo, tha na tha air fhàgail de chidhe fiodha. Tha e coltach gun deach seo a thogail sna 1880an airson bataichean-smùid pleadhaig air slighe na costa an iar a bhiodh cuideachd a' stad ann an Caol Loch Aillse. Cha robh an cidhe idir soirbheachail nuair a bha muir-tràigh ann, ge-tà, agus chaidh e à cleachdadh. Chaidh a thoirt air falbh mu dheireadh ach tha beagan phuist rim faicinn fhathast.

Chithear Beinn na Caillich, a tha 733 m a dh'àirde air cùlaibh a' bhaile.

Ann an 1811, bha moladh aig an uachdaran am Morair Dòmhnallach baile mòr malairt is gnìomhachais a dhèanamh den bhaile agus ainm ùr a thoirt dha, Liverpool Nuadh. Choimisean e James Gillespie Graham gus planaichean a dhealbhadh airson a' bhaile le taighean mòra, stìoballan agus sràidean le ainmean mar Mews Lane agus King Street. Bha làrach a' bhaile ùir suidhichte ann an deagh àite gus feum a dhèanamh air na slighean luingeis agus air gnìomhachas an iasgaich. Cha deach ach beagan thaighean a thogail mus deach plana a' Mhorair Dhòmhnallaich a leigeil seachad nuair a dh'fhàs e follaiseach gun robh an t-àite ro iomallach agus nach biodh daoine deònach imrich a dhèanamh ann. Bhon uair sin, tha Caol Àcainn air a bhith gu math soirbheachail mar thoradh air gnìomhachas an sgadain. Bha ceithir taighean ciùirigidh ann, a bhiodh a' glanadh agus a' sailleadh sgadan airson a dhol gu margaidhean aig deas agus chruthaich iad seo tòrr chosnaidhean. Bha eaconamaidh a' bhaile an uair sin stèidhichte air inbhe a' bhaile mar shlighe a-steach don Eilean Sgitheanach. A-nis, is e baile turasachd sàmhach a th' ann

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caol Àcainn agus Beinn na Caillich

INBHIR NIS: An Srath

1920an

cala; Caol Àcainn; am Morair Dòmhnallach; Liverpool Ùr; luchd-turais

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards