Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caol Àcainn
EXTERNAL ID
HCD_CARD_065
ÀITE
Caol Àcain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1970an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12889
KEYWORDS
Gabhan Maxwell
Ring of Bright Water
taigh-tasgaidh
fiadh-bheatha
Eilean Bàn
Kyleakin

Chithear baile Chaol Àcainn air latha brèagha samhraidh san dealbh seo. Chaidh an dealbh seo a thogail mus do dh'fhosgail Drochaid an Eilein Sgitheanaich ann an 1995, nuair a bha am baile fhathast gu math trang mar thoradh air an trafaig bhon aiseig bho Chaol Loch Aillse air tìr-mòr. Tha deagh shealladh ann den mhuir, oir chan eil ach beagan den bhaile fo choncrait airson àiteachan pàircidh, agus a chionn 's nach deach togail air an fheur ri taobh an rathaid. Nuair a dh'fhosgail an drochaid, chaidh an àireamh de dhaoine a bha a' dol don bhaile sìos gu mòr ach tha muinntir a' bhaile air a bhith ag obair gu cruaidh gus dèanamh cinnteach gur e àite inntinneach do luchd-turais a th' ann le obraichean ealain air a' chidhe agus slighean coiseachd san sgìre.

Ann an 1811, bha moladh aig an uachdaran am Morair Dòmhnallach baile mòr malairt is gnìomhachais a dhèanamh den bhaile agus ainm ùr a thoirt dha, Liverpool Nuadh. Choimisean e James Gillespie Graham gus planaichean a dhealbhadh airson a' bhaile le taighean mòra, stìoballan agus sràidean le ainmean mar Mews Lane agus King Street. Cha deach ach beagan thogalaichean a thogail mus deach am plana a leigeil seachad nuair a dh'fhàs e follaiseach gun robh an t-àite ro iomallach agus nach biodh daoine deònach imrich a dhèanamh ann.

Ann am meadhan na deilbh, tha Eilean Bàn leis an taigh-solais, le a thùr de 70 troighean a dh'àirde, a chaidh thogail ann an 1857. Chaidh a dhealbhadh le D & T Stevenson agus bha e air a chleachdadh gus na 1960an. Ann an 1965, chaidh taigh an neach-gleidhidh an taigh-solais a cheannach le Gabhan Maxwell, an t-eòlaiche nàdair agus sgrìobhadair 'Ring of Bright Water'. Rinn e tòrr obair ath-nuadhachaidh air an taigh agus dh'fhuireach e air an eilean gu àm a' bhàis ann an 1969. Thòisich an togalach air crìonadh às dèidh a' bhàis ach chaidh a cheannach ann an 1996 agus chaidh Urras Eilean Bhàin a stèidheachadh gus an t-eilean a ghleidheadh. Tha Taigh-tasgaidh Gabhan Maxwell anns a' phrìomh sheòmar. Bidh am Bright Water Centre ann an Caol Àcainn a' ruith tursan bàta don eilean gus na toglaichean agus am fiadh-bheatha fhaicinn tro na slighean-coiseachd agus àite-falaich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caol Àcainn

INBHIR NIS: An Srath

1970an

Gabhan Maxwell; Ring of Bright Water; taigh-tasgaidh; fiadh-bheatha; Eilean Bàn

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards

Chithear baile Chaol Àcainn air latha brèagha samhraidh san dealbh seo. Chaidh an dealbh seo a thogail mus do dh'fhosgail Drochaid an Eilein Sgitheanaich ann an 1995, nuair a bha am baile fhathast gu math trang mar thoradh air an trafaig bhon aiseig bho Chaol Loch Aillse air tìr-mòr. Tha deagh shealladh ann den mhuir, oir chan eil ach beagan den bhaile fo choncrait airson àiteachan pàircidh, agus a chionn 's nach deach togail air an fheur ri taobh an rathaid. Nuair a dh'fhosgail an drochaid, chaidh an àireamh de dhaoine a bha a' dol don bhaile sìos gu mòr ach tha muinntir a' bhaile air a bhith ag obair gu cruaidh gus dèanamh cinnteach gur e àite inntinneach do luchd-turais a th' ann le obraichean ealain air a' chidhe agus slighean coiseachd san sgìre. <br /> <br /> Ann an 1811, bha moladh aig an uachdaran am Morair Dòmhnallach baile mòr malairt is gnìomhachais a dhèanamh den bhaile agus ainm ùr a thoirt dha, Liverpool Nuadh. Choimisean e James Gillespie Graham gus planaichean a dhealbhadh airson a' bhaile le taighean mòra, stìoballan agus sràidean le ainmean mar Mews Lane agus King Street. Cha deach ach beagan thogalaichean a thogail mus deach am plana a leigeil seachad nuair a dh'fhàs e follaiseach gun robh an t-àite ro iomallach agus nach biodh daoine deònach imrich a dhèanamh ann.<br /> <br /> Ann am meadhan na deilbh, tha Eilean Bàn leis an taigh-solais, le a thùr de 70 troighean a dh'àirde, a chaidh thogail ann an 1857. Chaidh a dhealbhadh le D & T Stevenson agus bha e air a chleachdadh gus na 1960an. Ann an 1965, chaidh taigh an neach-gleidhidh an taigh-solais a cheannach le Gabhan Maxwell, an t-eòlaiche nàdair agus sgrìobhadair 'Ring of Bright Water'. Rinn e tòrr obair ath-nuadhachaidh air an taigh agus dh'fhuireach e air an eilean gu àm a' bhàis ann an 1969. Thòisich an togalach air crìonadh às dèidh a' bhàis ach chaidh a cheannach ann an 1996 agus chaidh Urras Eilean Bhàin a stèidheachadh gus an t-eilean a ghleidheadh. Tha Taigh-tasgaidh Gabhan Maxwell anns a' phrìomh sheòmar. Bidh am Bright Water Centre ann an Caol Àcainn a' ruith tursan bàta don eilean gus na toglaichean agus am fiadh-bheatha fhaicinn tro na slighean-coiseachd agus àite-falaich