Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Buain Mònach an Alba
EXTERNAL ID
HCD_CARD_068
ÀITE
Aiseag Maol Ruibhe
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12890
KEYWORDS
connadh
cumhachd
seallaidhean tìre
Cutting Peat in Scotland

Chithear san dealbh-chamara seo Seumas agus Mòr Nic Aonghais às Breacais Uarach, an t-Eilean Sgitheanach aig obair na mònach faisg air an taigh aca. Thathas air mòine a chleachdadh mar chonnadh aig muinntir na Gàidhealtachd bho chionn linntean mòra. Gheibhear an-asgaidh i, ann àite far am robh prìs guail, agus pris ga toirt thuca, ga fhàgail ro dhaor aig a' chuid as motha de theaghlaichean. Tha e a' toirt ùine mus eil mòine deiseil son losgadh mar chonnadh, leis a h-uile duine san teaghlach a' dol a chuideachadh leis an obair.

Faisg air deireadh a' Ghiblein, thathas a' rùsgadh a' mhullaich ghairbh bho uachdar nam poll a' fàgail mòine deiseil airson buain. Thathas an uairsin a' cleachdadh inneal sònraichte airson gearradh sios tron pholl, bhog, throm de mhòine dhubh. Bha diofar sgìrean is diofar dhaoine le innealan eadar-dhealaichte, air an dèanamh aig an taigh, le faobhar geur leis an dèanar gearradh dìreach, ceàrnach. Bhite an uair sin a' sadail nam fàd air druim a' phuill far a bheil iad nan laighe gus an tiormaich iad. Tha an ùine tiormachaidh a rèir na h-aimsir ach bheireadh e co-dhiù beagan sheachdainean. Thathas an uair sin gan cur ann an coilleagan de thrì fàdan an cruth teanta le fear air a' mhullach ach an tèid an tiormachadh air gach taobh dhiubh. Nas fhaide air adhart san t-seusan agus iad gu tur air tiormachadh thathas gan toirt dhachaigh, agus a' togail chruachan mònach leotha.

San dealbh-chamara seo thathas a' toirt trì sreathan às a' pholl le beagan nas lugha na leth-mheatair de dh'fhaid sna fàdan. Thig teannachadh air na fàdan agus iad a' fas tioram, aotrom, ach tha iad aig an ìre seo trom agus furasta am briseadh agus an cur air an druim. A rèir 's dè cho math 's a tha a' mhòine, eadhon agus iad air tiormachadh, feumar còig uiread de mhòine agus a dh'fheumaist de ghual, le dàrna leth den teas ga fhaighinn bhuaipe. Tha poll an teaghlaich seo a' sìneadh fada air an cùlaibh, le obair mhòr ri dhèanamh fhathast.

Chithear anns a' chùl an t-Àth Leathann, le baile an Àth Leathainn air fàire, agus Beinn na Caillich ag èirigh ris a' chùl

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Buain Mònach an Alba

INBHIR NIS: An Srath

1950an

connadh; cumhachd; seallaidhean tìre

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards