Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taighean Chroitearan, an t-Àth Leathann
EXTERNAL ID
HCD_CARD_069
ÀITE
An t-Àth Leathann
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1900an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12891
KEYWORDS
aibhnichean
uillt
taigheadas
Crofters' Houses, Broadford

Chithear san dealbh-chamara seo cròileagan thaighean air an togail an cois na h-aibhne san Àth Leathann, an t-Eilean Sgitheanach. Ged a tha iad air an togail an stoidhle eadar-dhealaichte, tha iad uile air an togail le clachan is an dòigh dìonach ri sìde na sgìre. Tha e coltach gu bheil ballachan an taighe anns a' mheadhan, am fear as sine, air an gealachadh. Tha uinneagan nas lugha air, similear sa mheadhan, agus oiseanan an taighe car cruinn ris an fheadhainn eile le iarann preasach air a' mhullach; ged bhiodh tughadh air uaireigin. Tha an taigh ris a' chùl nas ùire, le similearan air gach ceann dheth, uinneagan nas motha agus uinneagan farlais sa mhullach.

Is taighean tapaidh a th' annta a bhiodh daoine a' cumail an àirde, ach bha muinntir na Gàidhealtachd iomadach bhliadhna a' còmhnaidh an taighean bochda. Bhite a' togail nan taighean-còmhnaidh le stuth a lorgadh san àite, gun mòran fiodha ga chleachdadh san obair-togail ach airson nan sailthean sa mhullach. Cha robh meas sam bith aig luchd-tadhail anns na taighean-tughaidh seo, gan aithris mar àitean dorcha, salach. Bha daoine, mar bu mhotha, a-muigh, agus 's ann airson feum seach snas a chaidh na taighean a thogail; le àite nam broinn far am faigheadh daoine is stoc fasgadh is blàths

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taighean Chroitearan, an t-Àth Leathann

INBHIR NIS: An Srath

1900an

aibhnichean; uillt; taigheadas

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards