Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Air a' Chidhe, an t-Àth Leathann
EXTERNAL ID
HCD_CARD_070
ÀITE
An t-Àth Leathann
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12892
KEYWORDS
cidheachan
rathaidean-iarainn
cidheachan rathaidean-iarainn
On the Pier, Broadford

Chithear san dealbh-chamara seo bho na 1900an sealladh bho cheann shìos Cidhe an Àth Leathainn. 'S e an togalach nas àirde aig ceann a' chidhe Taigh-òsta Stuamachd Chaimbeil a thogadh mu 1880. Le bàtaichean a' cur gu tìr aig a' chidhe a rèir an tìde-mhara, bha an taigh-òsta na shuidhe air làrach a bha freagarrach do dhaoine a' fàgail moch no a' tilleadh anmoch. Bha an togalach a chithear le mullach dearg air uaireigin na thaigh-giullachd èisg, mar a tha follaiseach leis na chithear de thogsaidean air a' chidhe. Mar a thàinig crìonadh air gnìomhachas an sgadain, chaidh na togalaichean atharrachadh gu bhith nan stàballan is nan aitreabhan.

Thogadh 'cidhe ùr' an Àth Leathainn an àite an t-seann fhir togte le cloich bho chionn ceud bliadhna roimhe. Thòisich obair-phlanaidh a' chidhe ùir sna 1880an, ach cha do thòisich an iomairt airson crìoch a chur air an obair gu tràth sna 1900an, nuair a chuireadh an companaidh Skye Marble Limited air bhonn. Chaidh marmor a chladhach aig cuaraidh faisg air Cille Chrìosd agus a thoirt sìos chun a' chidhe air rathad-iarainn tana agus an uair sin a chur air na bàtaichean. Aon uair is gun robh an cidhe air a thogail, chaidh a chleachdach le bàtaichean a bhiodh ag aiseag dhaoine is cargu, agus b' e an cidhe cridhe na coimhearsnachd an uair sin. Lorgar fhathast pìosan dhen rathad-iarainn air a' chidhe, ged a tha an cuid as motha dheth a-nis fo chruadhtan

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Air a' Chidhe, an t-Àth Leathann

INBHIR NIS: An Srath

1900an

cidheachan; rathaidean-iarainn; cidheachan rathaidean-iarainn

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards