Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cala an Àth Leathainn
EXTERNAL ID
HCD_CARD_073
ÀITE
An t-Àth Leathann
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1900an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12894
KEYWORDS
seallaidhean tìre
cladaichean
Broadford Harbour

Chithear air a' chairt-phuist seo, air a dhorchadh beagan, sealladh air acarsaid an Àth Leathainn, An t-Eilean Sgitheanach, le taighean is togalaichean is aitreabhan cruinnichte air faidhlinn ri taobh laimrig chloiche. Bhite a' togail thaighean mu thimcheall air bàgh cruinn le croitean a' ruith sìos air falbh bhon bhàgh. Bho bhith na chlachan beag de thrì no ceithir de thaighean sna 1840an, dh'fhàs an t-Àth Leathann gu bhith mar an dàrna baile as motha air an Eilean Sgitheanach, aig deireadh na linne.

Nuair a thogadh cidhe ùr na bu mhotha, chunnacas àrdachadh mòr anns na bha na bhathar is de dhaoine a' tighinn chun a' bhaile. Bhite a' cur crodh air falbh gu margaidh, a' cur marmor à cuaraidh an t-Sratha a-null thairis a dhiofar dhùthchannan, le bàtaichean-smùide tric a' tadhal air. Mar a rinneadh leasachadh air a' phrìomh rathad san Eilean Sgitheanaich, gu h-àraidh às dèidh an Dàrna Cogaidh, thòisich na rathaidean gan cleachdadh an àite na mara. Ann am meadhan an deilbh tha Beinn na Caillich, 732m

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cala an Àth Leathainn

INBHIR NIS: An Srath

1900an

seallaidhean tìre; cladaichean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards