Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais is Taigh-òsta, an t-Àth Leathann, an t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_074
ÀITE
An t-Àth Leathann
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12895
KEYWORDS
seallaidhean tìre
eaglaisean
Church and Hotel, Broadford, Skye

Chithear san dealbh-chamara sepia seo an t-Àth Leathann aig toiseach na 20mh linn, agus e na bhaile de thaighean sgapte. Suas gu meadhan nan 1850an, cha robh anns an Àth Leathann ach clachan beag le glè bheag de thaighean ann. Thàinig fàs mòr air a' bhaile sna deicheadan às dèidh seo agus e mu dheireadh mar an dàrna baile bu mhotha air an Eilean Sgitheanach an dèidh Phort Rìgh. Le margaidh cruidh ann, mar a bhite a' cur marmor, a bhathas a' cladhach faisg air làimh san t-Srath, air falbh aig Cidhe an Àth Leathainn, agus aàrdachadh mòr an luchd-tadhail is cargu, chuir iad sin ri cho cudromach 's a bha am baile.

'S i Eaglais na h-Alba bho mu 1841 a chithear ris an aghaidh, na suidhe air a' phrìomh rathad tron bhaile. Air a' chùl tha Taigh-òsta an Àth Leathainn a thogadh mu 1840 ach air làrach far an lorgadh taigh-aoigheachd fada ron a seo. Tha cliù aig Taigh-òsta an Àth Leathainn mar dhachaigh an liciùir Drambuie (Drama Buidheach). Tha an sgeulachd co-cheangailte ris ag innse gun deach reasabaidh dìomhair a thoirt seachad do Chaiptean Iain MacFhionghain le Prionnsa Teàrlach agus a thoirt seachad a-rithist do theaghlach Iain Rothaich, a chlàraich an t-ainm Drambuie an 1893. Bhiodh Seumas Rothach fhèin a' dèanamh an liciùir òr-bhuidhe seo le mil, spìosraidhean is uisge-beatha abaich anns an taigh-òsta, agus ga chur air falbh bho chidhe a' bhaile. Thathas bho riamh air na ceanglaichean ris an Eilean Sgitheanach agus am Prionnsa Teàrlach a chur air adhart

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais is Taigh-òsta, an t-Àth Leathann, an t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1900an

seallaidhean tìre; eaglaisean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards