Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Beinn na Caillich agus tobhta Choire Chatachan, an t-Àth Leathann, an t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_077
ÀITE
An t-Àth Leathann
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1920an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12897
KEYWORDS
seallaidhean tìre
cnuic. Beanntan
Beinn na Caillich and Ruins of Corriechatachan, Broadford, Skye

Thogadh Coire Chatachan (no 'Old Corry') mu 1720. Na shuidhe aig bonn Beinn na Caillich, faisg air an Àth Leathann, bha e uaireigin na àite mòr, spaideil agus na dhachaigh do theaghlach aoigheil MhicFhiongain an Eilein Sgitheanaich. 'S dòcha gur iad Johnson is Boswell an luchd-tadhail a b' ainmeile riamh, agus iad a' tadhal air san t-Sultain 1773. Ghabh iad taitneas mòr às an anart-bùird spruiseil le nèapaicean agus na soithichean is poit airgid anns an d' fhuaireadh an teatha, agus na fhuair iad de bhiadh le sliseagan mairtfheòla, smodalan de dh'eòin agus 'mìlsean-arain cho math 's a bh' ann'. Tha an taigh agus na togalaichean mun cuairt air uile nan tobhtaichean aig deireadh nan 1880an agus teaghlach MhicFhiongain air a dhol a dh'fhuireach a thaigh ùr san Àth Leathann, Corry Lodge.

Tha tè de Chuiltheann Dearg na cloich-ghràine, Beinn na Caillich, ag èirigh air cùl an Àth Leathainn gu 732m le càrn mòr air a mullach. A rèir seanchais tha bana-phrionnsa air a tiodhlacadh foidhpe, ach tha cuid eile a' cumail a-mach gur e ceann-feadhna an Eilein Sgitheanaich a th' ann

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Beinn na Caillich agus tobhta Choire Chatachan, an t-Àth Leathann, an t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1920an

seallaidhean tìre; cnuic. Beanntan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards