Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Beinn na Caillich agus Coire Chatachan, an t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_078
ÀITE
An t-Àth Leathann
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12898
KEYWORDS
seallaidhean tìre
cnuic, beanntan
aiteachas
a' buain
bàrr gràinne
bàrr arbhair
Beinn na Caillich and Old Corry, Skye

Chithear san dealbh-chamara sepia dithis bhoireannach ann an achadh faisg air an Àth Leathann, An t-Eilean Sgitheanach a' cocadh bàrr airson a thiormachadh sa ghrèin. B' e seo fear am measg iomadach nì a dh'fheumaist a choileanadh aig àm-buana, agus b' iad na boireannaich tric a bha an urra ris an obair seo agus na fir air falbh sna h-achaidhean aig obair eile. Ag èirigh air cùl nan achaidhean tha Beinn na Caillich, Cuiltheann Dearg na cloich-ghràine le 732m de dh'àirde innte. Tha càrn mòr air mullach Beinn na Caillich, far a bheil, a rèir aithris, Bana-phrionnsa Lochlannach air a tiodhlacadh.

'S ann faisg air seo a dh'fhuirich Johnson is Boswell aig taigh an teaghlaich aoigheil MhicFhiongain aig Corriechatachan. Ghabh iad taitneas mòr às an anart-bùird spruiseil le nèapaicean agus na soithichean is poit airgid anns an d' fhuaireadh an teatha, agus na fhuair iad de bhiadh le sliseagan mairtfheòla, smodalan de dh'eòin agus 'mìlsean-arain cho math 's a bh' ann'. Tha an taigh agus na togalaichean mun cuairt air uile nan tobhtaichean aig deireadh nan 1880an agus teaghlach MhicFhiongain air a dhol a dh'fhuireach a thaigh ùr san Àth Leathann, Corry Lodge.

Tha tè de Chuiltheann Dearg na cloich-ghràine, Beinn na Caillich, ag èirigh air cùl an Àth Leathainn gu 732m le càrn mòr air a mullach. A rèir seanchais tha bana-phrionnsa air a tiodhlacadh foidhpe, ach tha cuid eile a' cumail a-mach gur e ceann-feadhna an Eilein Sgitheanaich a th' ann

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Beinn na Caillich agus Coire Chatachan, an t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1920an

seallaidhean tìre; cnuic, beanntan; aiteachas; a' buain; bàrr gràinne; bàrr arbhair

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards