Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Beinn na Caillich bhon Àth Leathann, an t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_081
ÀITE
An t-Àth Leathann
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12901
KEYWORDS
bailtean
clachain
taighean
Beinn na Caillich; From Broadford, Isle of Skye

Tha Beinn na Caillich na suidhe gu follaiseach is gu brùideil os cionn Bàgh an Àth Leathainn. Thogadh an dealbh seo faisg air Sgulamas aig a' choinneachadh ris an rathad a tha a' falbh sìos a Shlèite aig ceann a deas an Eilein Sgitheanaich. Tha na bailtean Breacais, Achadh a' Chùirn agus Harrapul uile nan seasamh air costa Bhàgh an Àth Leathainn mus ruigear meadhan baile an Àth Leathainn. Bha baile an Àth Leathainn iomadach bhliadhna na phort trang le bàtaichean-smùide a Phort Rìgh a' tadhal air a h-uile latha le daoine, post is cargu. Tha na rathaidean gu taobh siar an eilein, a dh'Ealaghol is Heasta, a' coinneachadh anns an Àth Leathann, agus na nithean seo uile ga fhàgail ann am meadhan an eilein agus an dàrna baile as motha air an Eilean Sgitheanach an dèidh Phort Rìgh.

Is e tè dhen Cuiltheann Dearg a th' ann am Beinn na Caillich. Tha càrn mòr air mullach na beinne a tha a' comharrachadh, a rèir seanchais, uaigh sa bheil Bana-phrionnsa Lochlannach air neo ceann-feadhna. Thug Samuel Johnson iomradh air Beinn na Caillich, an aon bheinn air an tugadh iomradh rè a thurais còmhla ri Boswell an 1773. 'S e thuirt e, ''the hill behind the house we did not climb. The weather was rough and the height and steepness discouraged us.' Nam biodh e air a sreap, chan eil rian nach toireadh na seallaidhean farsaing bho mhullach na beinne dha brosnachadh gu iomradh a thoirt air beanntan an Eilein Sgitheanaich

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Beinn na Caillich bhon Àth Leathann, an t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1920an

bailtean; clachain; taighean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards