Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Beinn na Caillich, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_082
ÀITE
An t-Àth Leathann
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12902
KEYWORDS
seallaidhean tìre
aibhnichean
cnuic
beanntan
Beinn na Caillich, Isle of Skye

Le Beinn na Caillich na seasamh gu bòidheach air a' chùl, lorgar an taigh seo air iomall baile an Àth Leathainn air an Eilean Sgitheanach. Tha baile an Àth Leathainn a' dol timcheall Bàgh an Àth Leathainn, le seallaidhean àlainn a-null a Ratharsair agus gu tìr-mòr. Agus e na chlachan beag le trì no ceithir de thaighean aig meadhan an 19mh linn, thàinig fàs mòr, luath air a' bhaile gus an robh e mar an dàrna baile bu mhotha air an Eilean Sgitheanach.

Aig toiseach an ath linn, thòsich bàtaichean-smùide a' tadhal aig a' chidhe ùr, le post, cargu is daoine orra. Bha gnìomhachas a' dol air adhart aig a' chuaraidh mharmoir san t-Srath bho mheadhan an18mh linn, le rathad-iarainn gu cidhe an Àth Leathainn a' toirt a' mharmoir gu soithichean a bha a' falbh leis a-null thairis. Sgaoil an companaidh an 1913, gun aige ri prothaid a dhèanamh.

Tha na rathaidean gu taobh siar an eilein, a dh'Ealaghol is Heasta, a' coinneachadh anns an Àth Leathann, ga fhàgail aig meadhan an eilein. Tha e air làrach goireasach airson tadhal air ceann a deas an Eilein Sgitheanaich agus a' Chuiltheann agus mòran luchd-turais a-nis a stad ann

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Beinn na Caillich, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1980an

seallaidhean tìre; aibhnichean; cnuic; beanntan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards