Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
an t-Àth Leathann, an t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_083
ÀITE
An t-Àth Leathann
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12903
KEYWORDS
seallaidhean tìre
aibhnichean
drochaidean
cnuic
beanntan
Broadford, Isle of Skye

Chithear san dealbh-chamara seo Abhainn an Àth Leathainn le Beinn na Caillich ag èirigh gu 732m air a' chùl. Anns na 1840an, cha robh an t-Àth Leathann ach na chlachan beag de bheagan thaighean. Bhon uair sin, thàinig fàs luath air mar bhaile san robh feill-chruidh cudromach, baile postachd agus le cidhe air a thogail, na phort do bhàtaichean-smùide. An dèidh fichead bliadhna eile, bha an t-Àth Leathann air fàs mòr mar bhaile, le bùithtean ann (mar an tè a chithear san dealbh), eaglaisean agus còrr is trì dusan taigh. Bhite a' toirt a' mharmoir a bhathas air chladhach san t-Srath air falbh bhon chidhe, agus bhiodh bàtaichean-smùide air an t-slighe eadar Port Rìgh is Steòrnabhagh a' stad ann a h-uile latha.

Tha bailtean mu thimcheall a' bhàigh mhòir, fhasgaich air a dhol còmhla a' fagail an Àth Leathainn mar an dàrna baile as motha air an Eilean Sgitheanach an dèidh Phort Rìgh. Tha e gu math goireasach aig luchd-turais airson falbh gu ceann a deas an eilein.

'S i Eaglais na h-Alba bho mu 1841 a chithear ris an aghaidh, na suidhe air a' phrìomh rathad tron bhaile. Air a' chùl tha Taigh-òsta an Àth Leathainn a thogadh mu 1840 ach air làrach far an lorgadh taigh-aoigheachd fada ron a seo. Tha cliù aig Taigh-òsta an Àth Leathainn mar dhachaigh an liciùir Drambuie (Drama Buidheach). Tha an sgeulachd co-cheangailte ris ag innse gun deach reasabaidh dìomhair a thoirt seachad do Chaiptean Iain MacFhionghain le Prionnsa Teàrlach agus a thoirt seachad a-rithist do theaghlach Iain Rothaich, a chlàraich an t-ainm Drambuie an 1893. Bhiodh Seumas Rothach fhèin a' dèanamh an liciùir òr-bhuidhe seo le mil, spìosraidhean is uisge-beatha abaich anns an taigh-òsta, agus ga chur air falbh bho chidhe a' bhaile. Thathas bho riamh air na ceanglaichean ris an Eilean Sgitheanach agus am Prionnsa Teàrlach a chur air adhart.

Tha Beinn na Caillich ag èirigh 732m os cionn an Àth Leathainn. Agus i na beinn de chlach-ghràin, tha i beagan nas soilleire na tha an Cuiltheann Dubh, le lasadh dearg oirre aig ciaradh an fheasgair. Tha i a' tarraing mòran shreapadairean is choisichean. Chan eil an t-slighe gu mullach na beinne, tron sgàirneach, ro dhuilich agus is mòr as fhiach a dìreadh nuair a gheibhear chun nan seallaidhean bhon a' mhullach.Tha càrn mòr air a' mhullach a tha a' comharrachadh uaigh Bana-phrionnsa Lochlannach.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

an t-Àth Leathann, an t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1950an

seallaidhean tìre; aibhnichean; drochaidean; cnuic; beanntan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards