Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
an t-Àth Leathann, an t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_084
ÀITE
An t-Àth Leathann
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12904
KEYWORDS
dealbhan-camara bhon adhar
seallaidhean tìre
deilbh on adhar
Broadford, Isle of Skye

Gheibhear san dealbh seo, a thogadh bhon adhar, sealladh air leth air Bàgh an Àth Leathainn. Chithear bailtean Achadh a' Chùirn is Harapul a' sìneadh sìos a choinneachadh ri baile an Àth Leathainn, na shuidhe aig ceann fasgach a' bhàigh. Agus e na chlachan de bheagan thaighean san 1840an, thàinig fàs mòr air thairis air an ath fhichead bliadhna gu bhith na bhaile san robh bùithtean, taighean agus eaglais. Aig deireadh an linne, bha an cidhe trang le marmor, bhon chuaraidh anns an t-Srath ga chur air soithichean cho math ris na bàtaichean-smùide a' tadhal air leis a' phost, le daoine is le cargu.

Far a' chosta ris an aghaidh tha Glas Eilean. Air an làimh dheis aig a' mhullach, tha Eilean Sgalpaigh a tha aig uachdaran prìobhaideach, air a bheil taigh-taic bhon 18mh linn a bha uairegin aig Clann Dòmhnaill Shlèite.

Anns a' chùl, tha an Cuiltheann. Tha Beinn na Caillich ag èirigh 732m os cionn an Àth Leathainn. Agus i na beinn de chlach-ghràin, tha i beagan nas soilleire na tha an Cuiltheann Dubh, le lasadh dearg oirre aig ciaradh an fheasgair. Tha i a' tarraing mòran shreapadairean is choisichean. Chan eil an t-slighe gu mullach na beinne, tron sgàirneach, ro dhuilich agus is mòr as fhiach a dìreadh nuair a gheibhear chun nan seallaidhean bhon a' mhullach.Tha càrn mòr air a' mhullach a tha a' comharrachadh uaigh Bana-phrionnsa Lochlannach

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

an t-Àth Leathann, an t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1990an

dealbhan-camara bhon adhar; seallaidhean tìre; deilbh on adhar

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards