Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dùn Bheagan, A' Chuach, An Còrn is A' Bhatach Shìdhe
EXTERNAL ID
HCD_CARD_095
ÀITE
Dùn Bheagan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12913
KEYWORDS
cinnidhean
Clann MhicLeòid, ulaidhean àrsaidh
Dunvegan, The Cup, Horn and Fairy Flag

Na shuidhe air rubha creagach an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich, tha Caisteal Dùn Bheagain air a bhith na dhachaigh do Chinn-cinnidh Leòdach bho chionn còrr is 800 bliadhna tro iomadach caochladh air beatha muinntir na Gàidhealtachd thar nan linntean.

Anns an t-Seòmar a Tuath lorgasr a dhà dhe na h-ulaidhean a tha anns a' Chaisteal. Chaidh Cuach Dùn Bheagain a thoirt seachad do Ruairidh Mòr, an 16mh Ceann-cinnidh, le Clann 'ic Nèill à Ulaidh mar ìobairt bhuidheachais airson na taic a thug e dhaibh rè nan cogaidhean an aghaidh Banrigh Ealasaid I sna 1590an. The truaill a' dol timcheall na cuaiche na broinn agus thathas ag ràdh gu bheil i 500 bliadhn' a dh'aois. Tha sgrìobhte air pìos an Laideann ag ràdh: ''S i Catriona nighean Rìgh Nèill, bean MhicGuaire Prionnsa Fhear Manach a rinn mi am bliadhna Dhè 1493'. Glè fhaisg air Cuach Dùn Bheagain tha Còrn Ruairidh Mhòir. Gabhaidh an còrn còrr is botail gu leth de dh'fìon dearg, agus a rèir an t-seanchais, feumaidh oighre a' chinn-fheadhna làn a' chùirn a ghabhail gun tuiteam no an còrn a chur sìos, agus e air aois a ruighinn.

Air cùl nan ulaidhean seo tha an tè as motha air a bheil daoine a' smaoineachadh air ann an co-theacsa nan Leòdach, A' Bhratach Shìdhe. Tha sgeulachdan air tùs a' bhrataich stèidhichte air seanchas nan sithichean is luchd-iomairt. An deach a thoirt do Leòdach agus e air iomairt, no fhàgail le sìthichean mar phasg mu leanabh nan Leòdach na chot, no a thoirt do cheann-feadhna le mhnaoi agus i na bean-sìthe a' fàgail an duine aice an dèidh 20 bliadhna agus a' dol air ais a shaoghal nan sìthichean? Thathas a' creidsinn gu bheil cumhachd sa Bhratach Shìdhe a nì cobhair air a' chinneadh agus iad an èis. Bhiodh an ceann-feadhna a' togail a' bhrataich ag àm èiginneach rè bhlàr agus, a rèir nam batailean a chlàradh, b' iad na Leòdaich an uair sin a rinn a' chùis.

Rinneadh sgrùdadh air a' bhrataich tràth san 20mh linn le fear Mgr Wace bhon Taigh-thasgaidh Victoria is Albert, a cho-dhùin gur ann às Siria no Rhodes a thàinig aodach na brataich agus gun robh e cuideachd àrsaidh, luachmhor. Tha sìoda na brataich - a dhathadh buidhe uaireigin a rèir coltais - air a dhol bhuaithe thar nam bliadhnaichean is air fàs reubte, brisg. Tha e a-nis air a thaisbeanadh gu follaiseach an seòmar-suidhe a' Chaisteil air balla am broinn frèama is air cùl glainne

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dùn Bheagan, A' Chuach, An Còrn is A' Bhatach Shìdhe

INBHIR NIS: Diùirinis

1910an

cinnidhean; Clann MhicLeòid, ulaidhean àrsaidh

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards