Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Slìghe a' Chaisteil le Bùird MhicLeòid air a' Chùl, Dùn Bheagan
EXTERNAL ID
HCD_CARD_101
ÀITE
Dùn Bheagan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12917
KEYWORDS
seallaidhean-tìre
cnuic
beanntan
Castle Drive Showing MacLeod Table in Rear, Dunvegan

Chithear air a' chairt-phuist seo dithis a' gabhail cuairt ri taobh Loch Dùn Bheagain le fear de Bhùid Mhic Leòid a' seasamh gu brùideil sa chùl. Tha an rathad seo, no Slighe a' Chaisteil, a' falbh bho na tràighean corail a tha gu tuath air Caisteal Dùn Bheagain, sìos an cois an locha is seachad air a' chaisteal. Is e Healabhol Mòr, san dealbh, an tè as àirde dhen dà bheinn air a bheil Bùird MhicLeòid. Tha coltas nam beanntan mòra seo, agus iad le mullaichean còmhnard orra, calg-dhìreadh an aghaidh a' Chuilthinn Dhibh air a bheil mullach stobach, biorach.

Tha an t-ainm bùird a' tighinn bho sgeulachd air Alasdair Crotach, an 8mh Ceann-cinnidh de Chlann 'ic Leòid, agus e aig fèist an Dùn Èideann. Chaidh a cheasnachadh an robh tallaichean cho mòr seo air an Eilean Sgitheanach, le mullach cho àrd, bòrd cho mòr, loma-làn bìdh, is coinnlearan cho maiseach. Nuair a thadhail an Gall seo air an Eilean Sgitheanach, chumadh fèist dha air mullach Healabhail Mhòir le muinntir Chlann Mhicleòid timcheall oir a' mhullaich le lòchrain lasrach aca. Thuirt Alasdair, a rèir an t-seanchais, 'Truly, sir, this is a roof grander than was ever made by human hands; this table, you must confess, is more commodious than any that can be show even in the royal court; while those faithful vassals of mine are more precious by far than any metallic contrivance, however costly and ornate it may be'

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Slìghe a' Chaisteil le Bùird MhicLeòid air a' Chùl, Dùn Bheagan

INBHIR NIS: Diùirinis

1940an

seallaidhean-tìre; cnuic; beanntan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards