Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clàran Cuimhneachadh MhicLeòid, Dùn Bheagan, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_102
ÀITE
Dùn Bheagan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12918
KEYWORDS
caibealan
eaglaisean
taobhtaichean
cladh
cladhan
ionad-adhlacaidh
ionadan-adhlacaidh
cill
cilltean
cinn-chinnidhean
MacLeod Memorial Tablets, Dunvegan, Skye

'S ann am broinn tobhta Cille Naoimh Mhoire a thathas air cinn-chinnidh Chlann MhicLeoìd a thiodhlacadh bhon chaidh an 24mh ceann-cinnidh, Tormod, adhlachadh ann an 1835. Tha leacan cuimhneachaidh a' comharrachadh nan uaighean aca. Agus e na shuidhe air leathad os cionn Loch Dùn Bheagain, tha an tobhta seo aig teis-mheadhan cladh Cille Mhoire.

Mus deach an 24mh ceann-cinnidh Iain Tormad MacLeòid adhlacadh, bhite ag adhlachadh cheann-cinnidh Chlann MhicLeòid ann an Roghadal sna Hearadh. Bha Tormod MacLeòid, a bhean Anna, agus a nighean Emily - na h-eachdraiche ainmeil - uile gu mòr an sàs ann am beatha baile Dùn Bheagain; bha iad an urra ris na h-atharraichean mòra air a' Chaisteal, agus uime sin bha e iomchaidh gun deigheadh an adhlachadh an Dùn Bheagan fhèin. Bhon seo a-mach, thathas air an 25mh Ceann-cinnidh Tormod, a mhac Ruairidh, an 26mh Ceann-cinnidh Tormod Mànus, an 27mh Ceann-cinnidh Reginald, an 28 Ceann-cinnidh a' Bhaintighearna Flòraidh, agus anns a' Ghearran 2007, an 29mh Ceann-cinnidh Iain MacLeòid uile adhlachadh an seo.

Tha Caibeal Naoimh Mhoire aig meadhan a' chlaidh far a bheil iomadach teaghlach Leòdach eile air an tiodhlacadh cuideachd; nam measg Clann MhicLeòid à Suardal, Heireabost, An Sruthan, Hamara, Grìseornais is Orbost. Tha luchd-gleidhidh dùthchasach Chaisteal Dùn Bheagain, Clann MhicSuain à Ròdhag, tè dha na fineachan as sine air an Eilean Sgitheanach air an adhlachadh air ceann an iar a' chlaidh, le leacan-uaighe air an snaigheadh le dealbhan chlaidheamhan mòra is duilleach orra. Tha mòran de phìobairean ainmeil MhicCruimein cuideachd air an adhlachadh aig Cille Mhòire, le clàr-cuimhneachaidh dhaibh air balla na h-eaglais

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clàran Cuimhneachadh MhicLeòid, Dùn Bheagan, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Diùirinis

1920an

caibealan; eaglaisean; taobhtaichean; cladh; cladhan; ionad-adhlacaidh; ionadan-adhlacaidh; cill; cilltean; cinn-chinnidhean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards