Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cladh Cille Mhoire, Dùn Bheagan, Àite-adhlacaidh Chlann MhicLeòid
EXTERNAL ID
HCD_CARD_103
ÀITE
Dùn Bheagan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12919
KEYWORDS
caibealan
eaglaisean
taobhtaichean
cladh
cladhan
ionad-adhlacaidh
ionadan-adhlacaidh
cill
cilltean
cinn-chinnidhean
Kilmuir Graveyard, Dunvegan, The Burial Place of the MacLeods

Chithear air a' chairt-phuist seo cladh Chille Mhoire an Dùn Bheagan air talamh àrd os cionn Loch Dhun Bheagan. Tha na leacan-uaighe air an cuartachadh le gàrradh cloiche mu thimcheall làrach Caibeal Naoimh Mhoire. Tha an tobhta seo gun mullach air leis an deat 1694 sgrìobhte os cionn an inntrigidh bho thuath, ach tha staid cuid dhe na clachan ag innse gun robh iad ann roimhe seo. Tha cuideachd leacan-uaighe bho dheireadh nam meadhan linntean agus leacan bùird bhon 18mh linn. Anns a' mheadhan tha clach mhòr bho thràth san 18mh linn, a' comharrachadh Morair Tòmas Friseal, athair Sìm Fhriseil às a' Mhoroich, a bhàsaich agus e a' tadhal air a' cheann-chinnidh aig Caisteal Dùn Bheagain an 1699.

Bhathas airson iomadh bhliadhna ag adhlacadh nan ceann-cinnidh Leòdach ann an Roghadal sna Hearadh, ach thathas bho chionn ghoirid air an adhlacadh aig Cill Mhoire. Am broinn bhallachan na tobhta tha Cinn-cinnidh nan Leòdach uile bhon chaidh an 24mh Ceann-cinnidh, Iain Tormod a bhàsaich an 1835 adhlachadh ann. Bha Tormod, a bhean Anna, agus a nighean Emily, na h-eachdraiche, uile gu mòr an sàs ann am beatha baile Dùn Bheagain, agus na h-atharraichean mòra air a' Chaisteal. B' e an tiodhlachadh mu dheireadh an 29mh Ceann-cinnidh Iain MacLeòid air 24mh Gearran 2007. Tha cuideachd mòran MhacCruimein air adhlacadh ann, pìobairean Chlann Mhic Leòid. Tha clàr air balla na h-eaglaise mar chuimhneachan air na sàr phìobairean seo.

Tha teaghlaichean Leòdach eile air an tiodhlachadh an seo, nam measg na Leòdaich à Suardal, Heireabost, An Sruthan, Hamara, Grìseornais is Orbost. Tha luchd-gleidhidh dùthchasach Chaisteal Dùn Bheagain, Clann MhicSuain à Ròdhag, tè dhe na fineachan as sine air an Eilean Sgitheanach air an adhlachadh air ceann an iar a' chlaidh, le leacan-uaighe air an snaigheadh le dealbhan chlaidheamhan mòra is duilleach orra. 'S iad Leòdaich as motha a lorgar sa chladh seo, ach tha teaghlaichean eile air adhlachadh ann cuideachd

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cladh Cille Mhoire, Dùn Bheagan, Àite-adhlacaidh Chlann MhicLeòid

INBHIR NIS: Diùirinis

1920an

caibealan; eaglaisean; taobhtaichean; cladh; cladhan; ionad-adhlacaidh; ionadan-adhlacaidh; cill; cilltean; cinn-chinnidhean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards