Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Flaiseadar is Eaglais U.F., An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_108
ÀITE
Flaiseadar
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12922
KEYWORDS
eaglaisean
Flashadder and U.F. Church, Skye

Chithear an seo Flaiseadar (Flashadder air a' chairt-phuist) air a' phrìomh rathad a Dhùn Bheagan, beagan mhìltean mus ruigear An t-Aodann Bàn air an Eilean Sgitheanach. Chan eil anns a' bhaile ach beagan chroitean, taighean agus an eaglais is mansa san dealbh. Nuair a thogadh an dealbh seo, 's ann leis an Eaglais Shaoir Aonaichte a bha an eaglais seo. Chuireadh an Eaglais Shaor Aonaichte air bhonn an 1900 nuair a chaidh Eaglais Chlèireach Aonaichte na h-Alba agus an Eaglais Shaor còmhla. Chaidh iad sin, mar an ceudna, còmhla ri Eaglais na h-Alba an 1929. 'S e taigh-aoraidh Eaglais na h-Alba a th' ann an eaglais Fhlaiseadair gus an là an-diugh.

Thathar air an rathad seo atharrachadh bhon àm a thogadh an dealbh seo, ach tha e fhathast a' dol glè fhaisg air an togalach seo. Chaidh am balla air a bheulaibh a leagail, agus an raon seo ga chleachdach mar phàirc-chàraichean. Tha am mansa, togalach fa leth, a-nis na thaigh-còmhnaidh prìobhaideach

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Flaiseadar is Eaglais U.F., An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Diùirinis

1920an

eaglaisean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards