- TIOTAL
- Ospadal Gheusto, An t-Aodann Bàn, An t-Eilean Sgitheanach
- EXTERNAL ID
- HCD_CARD_110
- ÀITE
- An t-Aodann Bàn
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Diùirinis
- LINN
- 1930an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 12923
- KEYWORDS
- ospadalan
ospadalan dùthchail
Seirbheis Nàiseanta na Slàinte

Thogadh Ospadal Gheusto mu 1870 le airgead a dh'fhàgadh an tiomnadh Choinnich MhicLeòid à Geusto is Ghrìseornais. 'S ann le teaghlach Choinnich a bha Oighreachd Gheusto an cois Loch Harport airson còrr is còig cheud bliadhna, ach chaidh am fearann a thoirt bho athair an dèidh connspaid fhada eadar eadar e fhèin agus Clann MhicLeòid à Dùn Bheagan.
Dh'fhàg Coinneach MacLeòid an t-Eilean Sgitheanach, eilean aràich, airson is gun dèanadh e airgead mòr às teatha is guirmean sna h-Innseachan. Thill e chun an eilein, is e òg fhathast, le maoin mhòr gus oighreachd a theaghlaich aig Geusto a cheannach air ais. Cha do shoirbhich leis san iomairt seo, ach cheannaich e raon mòr fearainn a bh' aig na Leòdaich eile ga reic gus pàigheadh airson fiachan. Air an fhearann seo bha an t-Aodann Bàn, far an do thòisich e air iomairt gus baile fèin-seasmhach, anns am biodh muileann, taigh-aoigheachd is sgoil far an deach luchd-ciùird, a tharraing airson fuireach is obair ann.
Dh'fhàg e na thiomnadh taigh dha oifigear slàinte, agus airgead airson Ospadal Gheusta a thogail agus a ruith. Bha e gu bhith an urra ri buidheann urrasairean am pròiseact a stiùireadh. B' e seo a' chiad ospadal san Eilean Sgitheanach. Chaidh an t-ospadal a ghabhail os làimh le Seirbheis Nàiseanta na Slàinte an 1948, agus bhathas mu dheireadh ga chleachdadh mar thaigh-cùram seann daoine. Bho chionn ghoirid, tha a' choimhearsnachd air a bhith a' srì gus Ospadal Gheusto a chumail fosgailte mar ionad-cùram le dòchas gun gabhadh a cheannach leis a' choimhearsnachd rè connspaid leis an NHS mu thimcheall reic an togalaich. Dhùin an t-ospadal sa Chèitean 2006, leis na h-euslainteach gan cur gu Ospadal Phort Rìgh
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives