Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta Orboist, ri taobh Dùn Bheagain, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_115
ÀITE
Orbost
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12925
KEYWORDS
taighean-aoigheachd
ospadalan
Orbost Hotel, by Dunvegan, Isle of Skye

Chaidh an taigh mòr seo a thogail an Orbost aig meadhan an 18mh linn. Thogadh bho thùs e mar thaigh tac don Dr Somhairle Caimbeul. Rinneadh obair leasachaidh air an taigh a-rithist ga dhèanamh na thaigh-mòr san stoidhle rìoghail, le obair-ciùird na saorsainnachd is a' phlèastair air a dhèanamh chun na h-aon ìre anns am faighear e ann an taighean-mòra na linne ann am Baile Ùr Dhùn Èideann. Chaidh obair a dhèanamh air an togalach mar a chaidh leasachadh gu bhith na thaigh-còmhnaidh do dhaoine uasal, ionad do dhaoine le tinneas na dibhe, taigh-seilge, na thaigh-òsta bho na 1930an agus, mu dheireadh, taigh-còmhnaidh prìobhaideach.

Thug leabhran-sanais an taigh-òsta iomradh air na 6,00 acair de ghlinn is de mhòintich le seallaidhean mìorbhaileach air a' mhuir sna beanntan. Bha raon-goilf ann le naoi tuill, tràighean sàbhailte, iasgach-mara, teanas, raon-cuimseachaidh goilf airson losgadh - le cead. Bhathas ag aithris air an t-sealgaireachd gheamhraidh ann mar a b' fheàrr a gheibhear air an Eilean Sgitheanach le pailteas den choileach-choille ri fhaighinn. Dheigheadh càraichean an taigh-òsta air tòir an luchd-tadhail ann am Port Rìgh, is iad air siubhal air bàta-smùide is trèana, luchd-siùbhail bhusaichean aig Dùn Bheagan. Tha an taigh-òsta na leabhar-sanais a' cleachdach briathran Alasdair Mhic a' Ghobhainn na leabhar 'A Summer in Skye '... had I the choice, I should rather live at Orbost than at any other house in Skye'. Chan eil iomradh ge-tà air na sgrìobh e air structar an togalaich fhèin a mheas e 'elegant, expressionless' agus 'stupidly situated'. Às dèidh seo, rinneadh obair ath-nuadhachaidh mhòr air an tiagh agus air cumadh an taighe. Chaidh doras a' bheòil a chuir a dh'àite ùr agus slighe ùr do charbadan eadar an togalach is Loch Bharcasaig; a' toirt sheallaidhean na b' fheàrr do dhaoine na bhroinn.

An dèidh a' Chogaidh, chaidh a chleachdach a-rithist mar thaigh-còmhnaidh prìobhaideach. Bha Otta Swire, ùghdar ainmeil an leabhair "Skye:The Island and its Legends" a' fuireach ann greis. Rinn an luchd-ealain ainmeil Dàibhidh is Mòr Raibearts obair ùrachaidh mhòr agus e aca eadar 1975-1985. Tha e fhathast na thaigh-còmhnaidh prìobhaideach

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta Orboist, ri taobh Dùn Bheagain, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Diùirinis

1930an

taighean-aoigheachd; ospadalan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards