Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Glanadh le Lux, Abhainn Roisgil, Heàrrlois, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_119
ÀITE
Roisgil
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12927
KEYWORDS
nigheadaireachd
beatha dhachaigheil
Washing with Lux, Roskhill River, Harlosh, Skye

Cha b' e Latha an Nigheadaireachd riamh an latha a b' fhasa! Thogadh an dealbh seo aig Abhainn Roisgil, faisg air Heàrrlois air taobh siar an Eilein Sgitheanaich. Bhiodh an dithis bhoireannach neo-aithnichte ann tràth a' cur thuige an teine airson am bùrn a ghoil. Ri taobh an teine cheòthaich, tha cruach mhònach, an connadh bu mhotha a bh' aca. 'S e latha fada a bhiodh ann; a' goil phanaichean mòra de bhùrn, a' glanadh, a' sgoladh agus mu dheireadh a' fàsgadh na nigheadaireachd gus a h-uile boinneag bùirn a thigeadh àiste a thoirt àiste mus deigheadh a fàgail a-muigh sa ghrèin airson tiormachadh.

Tha e coltach gu bheil na boireannaich a' fàsgadh brat mòr no pìos mòr aodaich eile, agus ' iongantach mura h-e seo an latha a bhite a' dèanamh an anairt is nam plangaidean. Air an cùlaibh tha bucais fhiodha anns am bithte, 's dòcha, a' cumail anart an taighe. No dh' fhaodadh gur ann a' glanadh chlòithtean mòra air an dèanamh rè mìosan a' gheamhraidh a bha iad. Tha an dithis aca le pionar no aparan orra air uachdar an aodaich. B' e seo èideadh làitheil nam ban. Air an dèanamh às cotan dorcha air a chlò-bhualadh, bhite gan cleachdach mar chòmhdach a chuireadh air muin aodach eile, airson an t-aodach seo a chumail glan.

Tha an sgrìobhadh air a' chairt-phuist ag ràdh gur ann le Lux a tha iad a' glanadh, ach thathar a' meas nach ann. Bhathas a' sanasachadh Lux tràth san 20mh linn mar shiabann nigheadarachd, ann am bleideagan seach cnap a bhite a' faighinn roimhe. Bha na sanasan ga reic mar shiabann airson 'delicates, agus nigheadarachd sìoda is sròl gun eagal gun deigheadh an dath mar a thachradh le siabann garbh lye an àma sin. Airson nigheadarachd mar seo a dhèanamh a-muigh, cha shaoileadh tu gum biodh stuth cho spaideil ri Lux aca

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Glanadh le Lux, Abhainn Roisgil, Heàrrlois, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Diùirinis

1940an

nigheadaireachd; beatha dhachaigheil

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards