Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fèill-reic Chruidh, Lòn Mòr, Dùn Bheagan, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_120
ÀITE
Dùn Bheagan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12928
KEYWORDS
reic cruidh
fèill-reic chruidh
stoc
tuathanachas
Highland Cattle Sale, Lonmore, Dunvegan, Skye

B' e latha mòr a bh' ann nuair a chumadh fèill a' chruidh aig deireadh an t-samhraidh. B' e siud an latha air am biodh dòchas aig a h-uile duine gum faigheadh iad prìs mhath air an stoc, agus cuideachd na chothrom coinneachadh is bruidhinn ri croitearan sgìrean eile. Bha crodh bho riamh cudromach ann am beatha muinntir na Gàidhealtachd. Le fearann garbh na Gàidhealtachd a' ciallachadh gur i obair chruaidh gun mòran toraidh a bh' ann bàrr a chur is fhàs, dhèanaist beò-slàinte tòrr na bu sheasmhaiche le crodh. Eadhon nuair a thàinig mòran chaorach a-steach, bha crodh fhathast nam pàirt mhòr de eaconamaidh na sgìre.

Thogadh an dealbh seo air latha na fèille aig Lòn Mòr faisg air Dùn Bheagan. Ged is 'Highland cattle sale' a tha sgrìobhte air a' chairt, 's e 'cattle sale in the Highlands' is còir a bhith ann, oir chan e crodh Gàidhealach gaoiseid ruadh, mholach is adharcan fada a chithear an seo. B' e crodh Gàidhealach bu mhotha a bh' aig daoine, ach ged a dhèanadh iad a' chùis glè mhath a dh'aindeoin droch shìde, agus droch fhearann, bheireadh iag greis a' tighinn gu inbheachd. Thàinig barrachd ghnèithean cruidh eile a-steach, agus chumadh an crodh Gàidhealachd uaireannan ri linn is gun robh coltas neo-chumanta, tapaidh, eireachdail orra. Thathas a-nis air crodh Gàidhealach a thoirt air ais ge-tà agus iad a' fas nas bitheanta air a' Ghàidhealtachd. 'S iad an dithis a' seasamh air cùl an laoigh, Mòr is Mànus MacAsgaill

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fèill-reic Chruidh, Lòn Mòr, Dùn Bheagan, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Diùirinis

1950an

reic cruidh; fèill-reic chruidh; stoc; tuathanachas

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards