Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sruthan, Dùn Bheagan, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_131
ÀITE
An Sruthan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Bracadal
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12930
KEYWORDS
seallaidhean-tìre
cladaichean
eileanan
clachain
Struan, Dunvegan, Skye

Thogadh an dealbh seo os cionn a' phrìomh rathaid eadar Dùn Bheagan is Sligeachan, tro bhaile an t-Sruthain san Eilean Sgitheanach. Aig bonn an deilbh, air an làimh dheis, tha taigh-sgoile, agus 's e an Sruthan Mòr an cròileagan thaighean a chithear air an làimh chlì. Tha an Sruthan air taobh siar an eilein, air fear dhe na pìosan fearainn as taine air an eilean. Tha rathad ann eadar an Sruthan chun an iar agus Port Rìgh chun an ear a tha a' dol tarsainn beinne agus 's e an rathad as fhaide a-staigh bhon oirthir air feadh an eilein, le meadhan an rathaid mu 4 mìle bhon chosta.

Air an làimh dheis, air fàire, chithear Rubha Uilbhinis agus eilean làn-mara Orasaigh, agus aig an toiseach air an làimh chlì tha Loch Harport le Rubha na h-Àirde Brice a' stobadh a-mach is rubha Mhinginis air a chùlaibh.

'S e an t-adhbhar as motha gu bheil ainm aig an t-Sruthan, an dùn a th' ann, agus e na dhùn an staid cho math 's a gheibhear air an eilean. Tha mòran dhe na ballachan mòra air leth a-muigh an dùin seo, Dùn Beag, fhathast nan seasamh, ged a tha muinntir na sgìre air clachan a thoirt air falbh airson an cur gu feum as ùr. Tha obair cladhaich air leithid buill-airm, cinn-shaighde is cìrean dèante às cnàimh, adhairc is crèadh bho Linn na h-Umha agus bho Linn na Cloiche, 's dòcha

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sruthan, Dùn Bheagan, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Bracadal

1930an

seallaidhean-tìre; cladaichean; eileanan; clachain

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards