Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ionaltradh Caochlaideach, Bràcadal, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_134
ÀITE
An Sruthan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Bracadal
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12931
KEYWORDS
croitearachd
dròbhadh
stoc
Changing Pastures, Bracadale, Skye

As t-samhradh agus as t-earrach, tha caoraich gan cur an diofar achaidhean is ionaltraidhean ach am faigh iad nas fheàrr na gheibh iad de dh'ionaltradh. Aon uair is gu bheil na h-uain air am breith thathas a' cur nan caorach a-mach gu ionaltradh air na monaidhean agus gam fàgail an sin gu deireadh an t-samhraidh nuair a bheireadh gu na fèillean-reic iad. Chithear san dealbh-chamara seo treud chaorach a tha tapaidh, fallain air an gluasad sìos an rathad le taic gu math faiceallach bho chù-chaorach. 'S ann leis an teaghlach MhicMhathain, san dealbh, a bha iad; an aon teaghlach aig an robh Tuathanas Choill' Ora.

Thogadh an dealbh seo an Coill' Ora, faisg air an t-Sruthan air taobh siar an Eilein Sgitheanaich. Nuair a thogadh an dealbh seo sna 1960an, b' e rathad singilte a bh' ann eadar Sligeachan is Dùn Bheagan. Chithear an Sruthan air fàire le mansa na h-Eaglaise Saore gu follaiseach aig meadhan an deilbh.

'S e an t-adhbhar as motha gu bheil ainm aig an t-Sruthan, an dùn a th' ann, agus e na dhùn an staid cho math 's a gheibhear air an eilean. Tha mòran dhe na ballachan mòra air leth a-muigh an dùin seo, Dùn Beag, fhathast nan seasamh, ged a tha muinntir na sgìre air clachan a thoirt air falbh airson an cur gu feum as ùr. Tha obair cladhaich air leithid buill-airm, cinn-shaighde is cìrean dèante às cnàimh, adhairc is crèadh bho Linn na h-Umha agus bho Linn na Cloiche, 's dòcha

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ionaltradh Caochlaideach, Bràcadal, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Bracadal

1960an

croitearachd; dròbhadh; stoc

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards