Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cuimhneachan-cogaidh Bhaltos, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_138
ÀITE
Bhaltos
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12932
KEYWORDS
cuimhneachain-cogaidh
sgoiltean
Valtos War Memorial, Isle of Skye

Tha cuimhneachan-cogaidh Bhaltos suidhichte ann an Cùl nan Cnoc ann an rubha Thròndairnis san Eilean Sgitheanach air beulaibh an togalaich far an robh sgoil na sgìre suidhichte aig an àm. Chaidh an cuimhneachan cogaidh fhosgladh gu h-oifigeil 9 Lùnastal 1921 leis a' Chaiptean Nicol Màrtainn Ghleann Dail agus bha e na chuimhneachan an toiseach air an t-seachdnar seann-sgoilear à Sgoil Bhaltos a chaochail sa Chogadh Mhòr.

Chaidh na h-ainmean aig daoine às an sgìre a ghabh pàirt anns a' Chogadh Mhòr agus anns an Dàrna Cogadh ann an diofar dhòighean a chur ris a chuimhneachan bliadhnaichean às dèidh seo.

Tha an cuimhneachan air a dhèanamh à clach le bonn le trì steapaichean agus bun-carraigh caolaichte (tapered) agus air a bheil poit-tasgaidh chòmhdaichte. Tha sgrìobhadh air dà thaobh den bhun-carraigh agus tha rèile timcheall air a' chuimhneachan gu lèir. B' e £150 cosgais a' chuimhneachain agus chaidh seo a phàigheadh le seann sgoilearan às an sgoil, an dà chuid ann an Alba agus thall thairis.

Dh'fhaodte gur e sgoil Ghàidhlig a bha seo an toiseach nuair a bha Iain Ruadh Mac an Aba na mhaighstir sgoile. Chaidh Uilleam MacCoinnich fhasdadh mar mhaighstir sgoile mun bhliadhna 1879, agus leig e dheth a dhreachd ann an 1915 nuair a ghabh a nighean às sine Abby an obair thairis. Chaidh cor nan toglaichean am miosad mean air mhean agus cha b' urrainnear fuireach anns an taigh-sgoile tuilleadh ron bhliadhna 1933. Cha ghabhadh na clasaichean cleachdadh nas motha ro 1939. Chaidh an togalach a leigeil agus thathar a' tuigsinn gun deach a' chlach a chleachdadh ann an obair-togail Stèisean Cumhachd Drochaid Nòsdaidh ann an Loch Aillse a dh'fhosgail ann an 1948.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cuimhneachan-cogaidh Bhaltos, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Cille Mhoire

1930an

cuimhneachain-cogaidh; sgoiltean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards