Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Oifis a' Phuist, Stafainn, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_144
ÀITE
Stafainn
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12937
KEYWORDS
conlatradh
post
post-oifis
oifis a' phuist
oifig a' phuist
am post rìoghail
litrichean
Post Office, Staffin, Isle of Skye

Tha oifis a' phuist na coimhearsnachd seo a' frithealadh sgìre Stafainn a tha ann an ear-thuath Thròndairnis air an Eilean Sgitheanach. Chaidh an dealbh a thogail fada sna 1980an le Caroline Dear, tè às an sgìre a bha na neach-chamara/ neach-ealain. Chan eil an togalach air atharrachadh ach glè bheag on uair sin. Coltach ri iomadh post-oifis ann an sgìre bheag dhùthchail, tha an togalach ceangailte ri taigh-còmhnaidh. Tha an seòrsa togalach seo, glas is garbh le iarann preasach air a mhullach, a' seasamh ri sìde nan seachd sian ann an iarthuath na h-Alba. Thar nam bliadhnachan chaidh iarann preasach a chleachdadh gu cunbhalach air taighean, oifisean, seadaichean, garaidsean, eaglaisean is tallannan coimhearsnachd.

Ann am bliadhnaichean roimhe bha bogsa an teilefon dearg seo gu math deatamach, an t-aon fhear a bh' ann sa phàirt sin de Stafainn, ach tha clàr dearg a' phost-oifis glè aithnichte, na chomharra do na h-uile gu bheil an t-oifis ann, agus tha fhathast ann an 2010.

Ach tha sgeulachd tè a' phost-oifis, Anna Ghilliosach, fiù 's nas inntinnich na 'n togalach fhèin. 'S i bha an ceann oifis a' phuist an sin, na h-iar-bhana-mhaighstir a' phuist, fad, gu h-ìongantach, seasgad 's a h-aon (no trì fichead 's a h-aon) bliadhna, an tè de a seòrsa a b' fhaide na dreuchd air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Nuair a thòisich i bha am post air a lìbhrigeadh le each is cairt agus na bliadhnaichean deireannach bha coimpiutairean air tighinn a-steach, inneal a chunnaic i mar 'just something else to learn', agus bho chur air falbh ceud teileagram san latha gu bhith a' reic chairtean-cur-ris nam fònaichean-siubhail, tha i air iomadh atharrachadh fhaicinn. Ach dh'aithnich i gu robh post-oifis na coimhearsnachd a cheart cho deatamach nuair a sguir i 's a bha e nuair a thòisich i.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Oifis a' Phuist, Stafainn, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Cille Mhoire

conlatradh; post; post-oifis; oifis a' phuist; oifig a' phuist; am post rìoghail; litrichean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards