Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàgh Stafainn agus a' Chuith-fhraing, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_145
ÀITE
Stafainn
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12938
KEYWORDS
bailtean beaga
clachanan
taighean tughaidh
bàghan
cruthan talmhainn
Staffin Bay and Quiraing, Skye

'S ann an Stafainn a tha fear de na bàghan as brèagha san Eilean Sgitheanach . Tha an rathad cumhang singilte na ruith tro bhailtean a' Chlachain, Steinischol, Brògaig agus Glas-pheighinn, a' cuairteachadh Bhàgh Stafainn. Tha na seann taighean cloiche seo ann an Clachan, le mullaichean tughaidh no de dh'iarainn phreasach, air falbh an-diugh agus taighean ùra nan àite, agus tha an rathad air a leasachadh.

Tha fearann gu math torrach ann an Stafainn, le achaidhean mòra a' sgaoileadh sìos don chladach. Sa chuid as motha den sgìre seo den Eilean tha talamh croitearachd air tighinn sìos tro na ginealaichean, agus tha an eaconamaidh àiteachail agus cànan na Gàidhlig air mairsinn nas fhaide an seo na tha iad ann an iomadh pàirt eile an Eilein.

Le seallaidhean calg-dhìreach an aghaidh àilleachd thlachdmhoir a' bhàigh, tha sgìre na Cuith-fhraing shuas os a chionn. Chaidh creagan is beanntan garbha, iargalt na Cuith-fhraing a dhèanamh le gluasadan bholcànach, uisge deighe agus creimeadh. Chuir luchd na Beurla ainmean air cuid de na creagan le cumaidhean neònach,' The Needle, the Prison and the Table'. Tha fhios gu robh ainmean Gàidhlig mar siud orra roimhe.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàgh Stafainn agus a' Chuith-fhraing, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Cille Mhoire

bailtean beaga; clachanan; taighean tughaidh; bàghan; cruthan talmhainn

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards