Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceò thar na Cuith-fhraing, Stafainn, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_147
ÀITE
Stafainn
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
CRUTHADAIR
J Valentine & Co
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12940
KEYWORDS
croitearachd
àiteachas
bailtean dùthchail
achaidhean
eaglaisean
creagan
Mist Over the Quiraing, Staffin, Skye

'S ann an Stafainn a tha fear de na bàghan as brèagha san Eilean Sgitheanach. Tha bailtean beaga a' Chlachain, Steinischol, Brògaig agus Glas-pheighinn a' cuairteachadh Bhàgh Stafainn. Tha na coimhearsnachdan seo air dòigh-beatha na croitearachd a chumail beò, agus tha a' chuid as motha den fhearann aca air a dhol sìos tro na ginealaichean. San dealbh-chamara seo, a chaidh a thogail faisg air deireadh an t-samhraidh, chithear na h-achannan air an obrachadh agus torradh de dh'fheur 's de ghràin air a chruinneachadh gu sgiobalta.

Ann am beulaibh an deilbh tha an Eaglais Shaor ann, agus 's e an taigh-còmhnaidh beag air an làimh dheas Seann Taigh a' Mhisein, air a thogail na dhachaigh do mhiseanaraidh na h-Eaglaise Saoire. Nas fhaide air adhart air taobh clì an deilbh chithear an Eaglais Bheag Chlèireach, agus mu a coinneamh air an taobh dheas tha an sgoil agus taigh na sgoile ann.

Ag èirigh air cùl a' bhaile, diofraichte ri fearann tlachdmhor a' bhàigh, tha creagan garbha, cumhachdach na Cuith-fhraing a chaidh a chruthachadh le gluasadan bholcànach, uisge deighe agus creimeadh. Chuir luchd na Beurla ainmean air cuid de na creagan le cumaidhean neònach,' The Needle, the Prison and the Table'. Tha fhios gu robh ainmean Gàidhlig mar siud orra roimhe. Tha e air a ràdh, sna linntean a dh'fhalbh gum biodh suas ri 4000 beathach mairt a' gabhail fasgadh an seo, air am falach o luchd-creachaidh, agus gum biodh geamannan iomain air an cluiche am meadhan an t-samhraidh air rèidhlean feurach a' Bhùird.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceò thar na Cuith-fhraing, Stafainn, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Cille Mhoire

croitearachd; àiteachas; bailtean dùthchail; achaidhean; eaglaisean; creagan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards