Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aig a' Chama-lùb faisg air Loch nam Madadh, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_149
ÀITE
Stafainn
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12942
KEYWORDS
beanntan
creagan
sgorran
cruthan-tìre
rathaidean sònraichte
At the Hairpin Bend, near Loch Madadh, Isle of Skye

San dealbh-chamara seo chithear an rathad singilte aon-leud a' dol bho Bhrògaig ann an Stafainn, air taobh an ear an Eilein Sgitheanaich, gu Ùig air an taobh an iar. Tha a' chuid as motha den rathad a' dol tro mhòinteach fhalamh, agus a' chama-lùb seo air an taobh an ear. Tha draibheadh chun na lùib seo bhon iar no bhon ear a' foillseachadh seallaidhean-tìre a tha fìor mhath. Aig mullach a' phìos rathaid seo tha àite iomchaidh ann far an stad thu 's an coimhead thu air na seallaidhean.

Tha frith-rathad air a shaltairt le iomadh cas, a' treòrachadh an neach-coiseachd air falbh on ionad-parcaidh tarsainn an t-slèibh a-steach gu buaireas de chreagan neònach, a dh'fhàg na gluasadan bholcànach a chruthaich Druim Thròndairnis. Taobh a-staigh na Cuith-fhraing tha creagan dealganach, binneanan àrda agus rèidhleanan feòir le ainmean Beurla aca mar Am Prìosan, An t-Snàthad agus Am Bòrd. Ged a tha moran luchd-coiseachd a' gabhail an rathaid an-diugh, fiù 's ann an làithean Bhictoria bhiodh suas ri 60 neach-turais san latha a' draibheadh suas o Phort Rìgh ach an sreapadh iad am measg nan creagan iongantach seo.

Tha an dealbh-camara seo, a' coimhead gu deas, a' sealltainn dìreach beagan de sgrorr-dhruim Thròndairnis. Air an làimh chlì nì thu a-mach fear de na lochan beaga dùthchail nach gabh fhaicinn ach bho mhullach na droma. Tha a' chairt-phostachd a' cur an ainm 'Loch Madadh' air an loch seo, ach gu fìrinneach 's e Loch Leum na Luirginn air neo Loch Cleit a th' ann, lochan aig a bheil alltan a' dol a-steach annta. 'S mòr le luchd-coiseachd da-rìribh an druim seo: tha na creagan nan tùir, na slèibhtean air an còmhdach le sgrìoth agus na sgorran casa a' toirt dùbhlain orra, agus na seallaidhean àlainn gan lìonadh.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aig a' Chama-lùb faisg air Loch nam Madadh, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Cille Mhoire

beanntan; creagan; sgorran; cruthan-tìre; rathaidean sònraichte

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards