Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cama-lùb san rathad, a' Chuith-fhraing, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_151
ÀITE
Stafainn
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12944
KEYWORDS
beanntan
creagan
sgorran
cruthan-tìre
rathaidean sònraichte
Hairpin Bend, The Quiraing, Isle of Skye

Tha a' Chuith-fhraing, a tha na laighe fo sgorran Meall na Suireamach ann an earthuath an Eilein Sgitheanaich, na pàirt de Dhruim Thròndairnis a tha na ruith o Dhùn Tuilm gu tuath gu ruig Port Rìgh gu deas. Tha an rathad mòr a' leantainn a' chost, ach tha rathad nas lugha a tha a' ceangal Ùig agus Stafainn, a' dol thairis air an druim, ga coinneachadh aig cama-lùb air an rathad.

Beagan os cionn na cama-lùib seo tha ionad parcaidh ann, an t-àite far a bheil mìltean de dhaoine gach bliadhna a' togail orra gus an coisich iad don Chuith-fhraing. Air latha soilleir tha na seallaidhean mun cuairt air leth iongantach, agus bidh mòran a' dol timcheall 's a' rannsachadh nan creagan biorach, neònach, sgapte. Ach ann an droch shìde le gèile no ceò ann, faodaidh a' Chuith-fhraing a bhith na àite uabhasach, iargalta.

'S e buaidh ghluasadan bholcànach agus uisge, deigh agus creimeadh a dh'fhàg an cruinneachadh iongantach seo de chuilbh, bhinneanan is thrannsaichean cumhang. Tha frith-rathad air a shaltairt le iomadh cas, a' treòrachadh an neach-coiseachd tarsainn an t-slèibh a-steach gu buaireas de chreagan neònach, agus ainmean Beurla aca mar Am Prìosan agus An t-Snàthad. Nas fhaide a-staigh agus le bhith a' sreap sgrìodanan, ruigidh tu Am Bòrd, rèidhlean feurach uaine le creagan biorach mun cuairt air. Mar thoradh air cho dlùth 's a tha na creagan air an dinneadh ann an cùiltean beaga, tha faireachdainn sa Chuith-fhraing gu bheil thu ann an àite dùinte, dìomhair.

Bhon Chuith-fhraing 's an talamh timcheall oirre, tha na seallaidhean air leth fradharcach, iongantach. Air a' chùl agus air gach taobh tha sgorran casa, mòra na droma cloiche. Air do bheulaibh tha na lochan dùthchail nach fhaicear ach bhon druim, agus cuideachd baile Stafainn agus lùb àlainn Bhàgh Stafainn. Tha na h-eileanan beaga a-muigh bho Stafainn agus Eilean Rònaidh agus tir-mòr na h-Alba pìos air falbh, a' dèanamh leud-shealladh a tha iongantach.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cama-lùb san rathad, a' Chuith-fhraing, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Cille Mhoire

beanntan; creagan; sgorran; cruthan-tìre; rathaidean sònraichte

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards