Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Crodh Gaidhealach, Flòdaigearraidh, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_152
ÀITE
Flòdaigearraidh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12945
KEYWORDS
crodh gaidhealach
crodh
spreidh
Highland Cattle at Flodigarry, Skye

Glè thric air a' Ghàidhealtachd chithear treudan de chrodh Gàidhealach air na croitean 's na pàircean. Chaidh an fheadhainn seo a thogail le camara faisg air Flòdaigearraidh san Eilean Sgitheanach. 'S dòcha gur iad seo an gnè sprèidh as sònraichte a th' ann, leis an adhaircean fada a tha crom aig an deireadh, an aodainnean mòra, farsaing agus an còtaichean molach. Chaidh Clàr na Sprèidhe Gàidhealaich a chur air bhonn ann an 1885, 's mar sin 's iad gnè cho aost 's a th' ann am measg na feadhna gun atharrachadh, le clàran a' dol cho fad air ais ris an 18mh linn.

'S e an dath as cumanta a chì thu air crodh Gàidhealach dath ruadh, ach gabhaidh an dath aca a bhith eadar dubh, buidhe is odhar, ach an dubh na bu phailt bho chionn ceud bliadhna. 'S math a sheasas an còtaichean fada, tiugha ris an uisge a tha cho pailt agus a' ghaoth mhòr a lorgar tric air a' Ghàidhealtachd, agus fiù 's ann an sìde a' gheamhraidh chan eil feum aca air fasgadh eile. Bidh iad ag ionaltradh 's a' feurach air iomadh seòrsa lus.

Tha iomadh dùthaich eile math air crodh Gàidhealach, agus bidh beathaichean air an cur a-null thairis air feadh an t-saoghail. Tha an coltas, cho solt 's a tha iad, a rèir coltais, agus na laoigh bhog bhianach tharraingeach, gam fàgail mòr aig an luchd-turais. Chan urrainn dhaibh a dhol seachad air na beathaichean, agus a cheart cho tric 's a chì thu treud de chrodh Gàidhealach, chì thu treud de luchd-turais a' crochadh thairis air an fheans a' togail dealbh dhiubh!

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Crodh Gaidhealach, Flòdaigearraidh, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Cille Mhoire

crodh gaidhealach; crodh; spreidh

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards