Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàgh Dhùin Tuilm o Chaisteal Dhùin Tuilm, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_154
ÀITE
Dùn Tuilm
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12947
KEYWORDS
beanntan
creagan
sgorran
cruthan-tìre
caistealan
croic
crochadh
eucoraich
Duntulm Bay from Duntulm Castle, Skye

'S ann on rubha chreagach far a bheil tobhtaichean Chaisteal Dhùin Tuilm a chaidh an dealbh-camara seo a thogail. Tha tiotal na cairt-puist ceàrr: 's e Port no Bàgh Dhùin Tuilm a th' air 's chan e Bàgh a' Sgorr. Tha làrach a' chaisteil air a bhith fo dhiofar seilbh iomadh turas tro na linntean agus an cost fo smachd cheannardan tràtha Lochlannach, mus do thòisich cathan eadar Clann 'Ic Leòid is Clann 'Ic Dhòmhnaill a dh'fhàg an t-àite fo smachd Chlann 'Ic Dhòmhnaill. Chleachd iad Caisteal Dhùin Tuilm na àite-còmhnaidh gu ruig 1730.

A' coimhead gu deas o thobhtaichean a' chaisteil, tha na h-achannan glan, làn ghàrraidhean sgiobalta is talamh air a treabhadh, a' sealltainn gur ann air àiteachas a tha caithe-beatha an àite an eisimeil. Tha Port Dhùin Tuilm a' dèanamh fasgaidh far an gabh bàtaichean a tharraing air falbh on mhuir, agus mar a chithear an seo, tha grunn bhàtaichean beaga air am pasgadh a-staigh fo dhìon na bruaich air falbh on ghaoith a bhios a' sguabadh sìos far na h-achannan. Ann am bliadhnachan seachad, nuair a bha siubhal mara glè chumanta, bhiodh luing mhòra air an tarraing suas air a' chladach, far am faicear fhathast làrach nam fliuch-bhòrd no druim aca.

Ag èirigh air cùl a' chlachain tha Cnoc an Rola. San leabhar 'Discovering Skye', far a bheil cunntas air eachdraidh is seanchas an Eilein Sgitheanaich, tha Eòin MacDhòmhnaill ag innse sgeulachd a' chnuic seo. Bho chionn fhada bhiodh iad a' meas an robh duine ciontach de dh'eucoir le bhith ga chur ann am baraille agus ga roiligeadh sìos an cnoc. Nan tigeadh e slàn fallain às a seo, bha seo na chomharra nach robh e ciontach 's bhiodh iad ga shaoradh, ach nam biodh e air a leòn bha e air a thoirt gu cnoc eile far an suidheadh e ron Cheannard a bha na bhritheamh. Dh'fhaodadh e an uair sin a thagradh fhèin aithris, 's an deidh na binne bhiodh e air a shaoradh air neo, ma bha e air a mheas ciontach, bhiodh e air a thoirt gu Cnoc na Croiche far am biodh e air a chrochadh.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàgh Dhùin Tuilm o Chaisteal Dhùin Tuilm, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Cille Mhoire

beanntan; creagan; sgorran; cruthan-tìre; caistealan; croic; crochadh; eucoraich

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards