Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteil Dhùn Tuilm, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_156
ÀITE
Dùn Thuilm
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12949
KEYWORDS
cruthan-tìre
costaichean
caistealan
aiteachas
croitearachd
MacLeòid
MacDhòmhnaill
Dòmhnallach
Duntulm Castle, Isle of Skye

San deilbh seo chithear sealladh àlainn samhraidh ann am Bàgh Dhùin Tuilm. Tha Eilean Thuilm ri fhaicinn ann am meadhan na deilbhe cho math ris na h-eileanan beaga, Sgeir nan Ruideag, an t-Iasgair agus An Dubh Sgeir a tha ri cùl na deilbhe. Air taobh clì na deilbhe, tha tobhta Chaisteil Dhùn Tuilm a tha na sheasamh gu h-àrd le bearraidhean àrda os cionn na mara air trì taobhan, daingeann cha mhòr do-ghlacaidh.

Tha an sgìre air a bhith aig diofar bhuidhnean thar nam bliadhnaichean agus bha an costa fo smachd nan ceannardan Lochlannach tràth fad greis. Nas fhaide air adhart, bha Clann Dòmhnaill agus Clann MhicLeòid ag iarraidh seilbh air a' chaisteal agus 's ann leotha mu seach a bha an caisteal tro na linntean. 'S ann aig na Dòmhnallaich a bha an caisteal mu dheireadh agus bha iad ga chleachdadh gu 1730.

Air an taobh chlì, chithear taigh-òsta Dhùin Tuilm. Chaidh a thogail mar loidse-seilge anns na 1860an ach chaidh taigh-òsta a dhèanamh dheth mar a thachair le iomadh togalach mòr air a' Ghàidhealtachd. Ged a tha iad gu math fad air falbh, tha beanntan na Hearadh air taobh eile a' chuain sgìth a' coimhead gu math faisg san deilbh seo. Bho chruth òrdail nan achaidhean, tha e follaiseach gu bheil àiteachas fhathast ann an teas mheadhain beatha nan daoine mar a chithear bho na cruachan-fheòir grinn agus achaidhean anns a bheil bàrr a' fàs.

Tha Port Dhùin Tuilm fon chaisteil na fhasgadh do bhàtaichean beaga a bhiodh air an cur fon uchdan, air falbh bhon ghaoith a bhiodh a' tighinn bho na h-achaidhean. San àm a dh'fhalbh nuair a bha e cumanta a bhith a' siubhail air a' mhuir, bhiodh bìrlinnean gan cur air tìr air a' chladach agus tha comharraidhean nan druimean aca rim faicinn air na creagan fhathast.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteil Dhùn Tuilm, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Cille Mhoire

1980an

cruthan-tìre; costaichean; caistealan; aiteachas; croitearachd; MacLeòid; MacDhòmhnaill; Dòmhnallach

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards