- TIOTAL
- Caisteal Dhùn Tuilm, An t-Eilean Sgitheanach
- EXTERNAL ID
- HCD_CARD_158
- ÀITE
- Dùn Tuilm
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Cille Mhoire
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 12950
- KEYWORDS
- Dùn Tuilm
caistealan
Clann 'ic Leòid
Clann Dòmhnaill
Trondairnis
Mogastad

Tha Caisteal Dhùn Tuilm air rubha os cionn Lùb Sgor an ceann a tuath Rubha Trondairnis anns an Eilean Sgiathanach. Bha daingneach bho Linn an Iarainn air an làrach seo mus deach an caisteal a thogail. 'S ann aig Clann 'ic Leòid agus aig Clann Dòmhnaill mu seach a bha e tro na bliadhnaichean gus mu dheireadh bha e na dhaingneach aig Clann Dòmhnaill mu 1539. Bha e ann an ionad sgoinneil agus furasta a dhìon le creagan mara air trì taobhan, ach mu 1730 chaidh clachan a thoirt às gus taigh ùr MhicDhòmhnaill a thogail ann am Mogastad. Bha an caisteal na chunnart, buailteach air tuiteam ùine mhòr an deidh sin agus 's ann bho chionn ghoirid a chaidh a dhèanamh sàbhailte a-rithist
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives