Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-tasgaigh, Cille Mhoire, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_160
ÀITE
Cille Mhoire
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12952
KEYWORDS
taighean-tughaidh
taighean-tasbaidh
tughadh
beatha air a' Ghàidhealtachd
beatha Ghàidhealach
The Cottage Museum, Kilmuir, Isle of Skye

Tha Taigh-tasgaidh Beatha Eileanach an Eilein Sgitheanaich suidhichte ann an Hungladar faisg air Cille Mhoire ann an rubha Thròndairnis. Anns an taigh-tasgaidh tha grunn taighean tughaidh ann a tha a' taisbeanadh dòigh beatha nan daoine air taobh an iar na Gàidhealtachd aig deireadh an 19mh linn. Is e an taigh seo, a chaidh a thogail ann an 1965, a' chiad togalach a dh'fhosgail don phoball. Dh'fheumadh an togalach seo a bhith glè làidir gus am biodh e freagarrach airson clìomaid an àite. Tha na ballachan tiugh, aig a bheil oiseanan cruinn gus an dìon bho gèileachan a' Gheamhraidh, air an dèanamh à clach - rud a tha gu math furasta a lorg san sgìre. Gu tric, chaidh pìosan fiodh-cladaich a chleachdadh mar bhunait don mhullach agus chaidh tughadh a dhèanamh de chuilcean agus de luachair. Ged a bhiodh na taighean seo gu math bunaiteach san latha an-diugh, bha iad a' toirt fasgadh is blàths do theaghlaichean a chur seachad a' mhòr-chuid den tìde aca air a' bhlàr a-muigh.

Tha baile de sheachd taighean-tughaidh anns an taigh-tasgaidh a-nis a' gabhail a-staigh gobha, taigh breabadair, sabhal agus taigh-cèilidh. Tha na taighean uile a' sealltainn dìreach mar a bha beatha nan daoine àbhaisteach air a' Ghàidhealtachd aig an àm sin. Anns gach taigh, chithear rudan leithid lampaichean, criadhachd, beairtean-làimh, dealganan, agus buill-acfhainn àiteachail - rudan a bha air leth cudromach airson gach teaghlaich. Tha dealbhan-camara agus sgrìobhainnean ann cuideachd, rudan co-cheangailte ris a' Phrionnsa Teàrlach agus ri Flòraidh NicDhòmhnaill, ri strì an fhearainn san 19mh linn, cho math ri buill-arm nan cinnidhean agus fiu' s cinn-tuaigh à linn na cloiche.

Tha an taigh-tasgaidh seo, a tha air a ruith gu prìobhaideach, air aon de na h-ionadan as cudromaiche agus as mòr-chòrdte san Eilean Sgitheanach.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-tasgaigh, Cille Mhoire, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Diùirinis

1960an

taighean-tughaidh; taighean-tasbaidh; tughadh; beatha air a' Ghàidhealtachd; beatha Ghàidhealach

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards