Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-croite, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_161
ÀITE
Sgeabost
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Snìothasort
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12953
KEYWORDS
taighean-tughaidh
taighean-tasbaidh
tughadh
beatha air a' Ghàidhealtachd
beatha Ghàidhealach
taigheadas
Crofter's Cottage, Isle of Skye

San deilbh seo, chithear taigh gealaichte snog ann an ceann a tuath an Eilean Sgitheanach, is dòcha faisg air Sgeitheabost. Bha cruth is coltas nan taighean a' crochadh gu ìre mhòr air an t-suidheachadh aca agus air an t-sìde agus bha taighean mar seo rim faicinn air feadh bhailtean na Gàidhealtachd is nan Eilean. Bha na taighean air an dèanamh à clach a fhuaireadh à cuairidhean faisg air làimh agus bhiodh frèam a' mhullach gu tric air a dhèanamh de phìosan fiodh-cladaich. Chaidh tughadh a dhèanamh de chuilcean agus de luachair às an sgìre. Tha na ballachan tiugh, gu tric suas ri trì troighean de leud, agus tha na h-oiseanan cruinn gus an dìon bho ghèileachan a' gheamhraidh. Tha an taigh seo suidhichte anns a' chnocan ri a thaobh agus tha bàthach aige. Tha an taigh, a' bhàthach agus an sprèidh uile air an cuairteachadh le balla cloiche susbainteach. Ged a tha na taighean seo gu math bunaiteach an taca ris na th' againn san latha an-diugh, bha iad a' toirt fasgadh is blàths do theaghlaichean a chur seachad a' mhòr-chuid den tìde aca air a' bhlàr a-muigh.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-croite, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Snìothasort

1960an

taighean-tughaidh; taighean-tasbaidh; tughadh; beatha air a' Ghàidhealtachd; beatha Ghàidhealach; taigheadas

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards