Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
School and Churches. Kilmuir, Skye
EXTERNAL ID
HCD_CARD_162
ÀITE
Baile a' Ghobhainn
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
LINN
1930an; 1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12954
KEYWORDS
eaglaisean
sgoiltean
Eaglais Shaor Aonaichte
bailtean
School and Churches. Kilmuir, Skye

Tha an sgoil agus an Eaglais Shaor air a taobh chlì suidhichte ann am Baile a' Ghobhainn ann am paraiste Cille Mhoire air taobh an iar rubha Tròndairnis san eilean Sgitheanach. Anns an sgoil seo, a tha air a dèanamh à clach, tha dà sheòmar mhòr ann cho math ri oifisean agus an taigh-sgoile ri a taobh. Chaidh a togail ann an 1875 le Alasdair Ros.

Bha an sgoil a' frithealadh coimhearsnachd de dhiofar bailtean beaga a' gabhail a-steach Borgh na Sgiotaig, Cille Bhacastair agus Lianacro. Bha sgoiltean ann cuideachd don tuath ann an Cille moLuaig agus don deas ann an Uige.

Chaidh an Eaglais Shaor a thogail ann an 1860, agus b' e Alasdair Ros a thog seo cuideachd, às dèidh Briseadh na h-Eaglaise ann an 1843. Bha mansa grinn aice ach chaidh seo a mhilleadh ann an teine ann an 1964. Dh'fhaodte gur e eaglais Eaglais na h-Alba a th' anns an togalach a chithear air fìor thaobh chlì na deilbhe. Chaidh seo a thogail ann an 1924 air làrach na h-Eaglais Saoire Aonaichte a chaidh a mhilleadh le stoirm ann an 1920.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

School and Churches. Kilmuir, Skye

INBHIR NIS: Cille Mhoire

1930an; 1940an

eaglaisean; sgoiltean; Eaglais Shaor Aonaichte; bailtean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards