Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh Mhogastad, Cille Mhoire, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_163
ÀITE
Cille Mhoire
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
CRUTHADAIR
J Valentine & Co
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12955
KEYWORDS
Am Prionnsa Teàrlach
na Seumasaich
Bliadhna Theàrlaich
Teàrlach Eideard Stiùbhart
Monkstadt House, Kilmuir, Skye

Chaidh Taigh Mhogastad a thogail do Shir Alasdair MacDhòmhnaill Shlèibhte, a' tòiseachadh ann an 1732. Tha an taigh na shuidhe 5 mìle o Chaisteal Dhùin Tuilm, agus ghabh e àite a' Chaisteil mar chathair-còmhnaidh nan Dòmhnallach. Chaidh clachan a thogail on chaisteal a chur ri togail Thaigh Mhogastad. Tha iad ag ràdh gur e seo a' chiad taigh san Eilean aig an robh mullach de sglèat. Chaidh an taobh-a-staigh dheth ath-chàradh le Seumas Gilleasbaig Greumach tràth sna 1800an agus dh'fhuirich na Dòmhnallaich ann gu ruig 1815 nuair a ghluais iad an dachaigh gu Armadal ann an Slèibhte.

Dh'fhuirich maoir is luchd-taca san taigh às dèidh siud agus air don talamh a bhith air a ghearradh na chroitean, 's e an taigh aig fear dhiubh sin. Mean air mhean thuit e bhuaithe agus sna 1950an bha e na thobhtaichean. Ach beagan bhliadhnachan air ais chaidh fìor ath-leasachadh a dhèanamh air gus àite-fuirich do luchd-turais a dhèanamh dheth.

Tha ceangal làidir aig Mongastad ris a' Phrionnsa Theàrlach. 'S ann glè fhaisg air Mongastad a thàinig e fhèin is Flòraidh NicDhòmhnaill gu tìr an dèidh dhaibh tighinn a-nall às Uibhist. Cha robh Sir Alasdair MacDhòmhnaill idir na fhear-taic don Phrionnsa, ach bha taobh aig a bhean, an Leadaidh Mairead, ri cùis nan Seumasach agus chuir i biadh is deoch thuige na fhuadachd. Nuair a dh'fhàs e dorch chaidh am Prionnsa a thoirt a Chinnseaborg far na choinnich e Flòraidh a-rithist is ise an dèidh rathad eile a ghabhail. Lean iad orra còmhla gu ruig Port Rìgh far an do dhealaich iad ri chèile.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh Mhogastad, Cille Mhoire, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Diùirinis

Am Prionnsa Teàrlach; na Seumasaich; Bliadhna Theàrlaich; Teàrlach Eideard Stiùbhart

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards