Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cala Phort rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_169
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12961
KEYWORDS
Taigh-òsta Rìoghail
Taigh-seinnse Mhic an Aba
cidhe
gheataichean
cabhlach an sgadain
MacIain agus Boswell
Am Prionnsa Teàrlach
Portree Harbour, Skye

Chaidh an dealbh-camara seo a thogail bho chidhe Phort Rìgh leis an laimrig air an làimh chlì. Dh'fhàs Port Rìgh bhon cheàrnaidh mun cuairt a' chidhe agus a' chala a bhiodh aig meadhan beatha làitheil agus gnìomhan a' bhaile. Suas gu deireadh nan 1950an bha bàtaichean-smùide a' tighinn a-steach a Phort Rìgh gach latha. Bha iad a' giùlan luchd-siubhail, cargu agus litrichean. Le leasachadh nan rathaidean air feadh an eilein, obair a thug ùine mhòr, cha robh an cidhe cho cudromach airson còmhdhail dhan bhaile agus air feadh an eilein. Thar nam bliadhnachan bha amannan glè thrang aig a' chidhe le cabhlachan sgadain a' lìionadh a' chala. Tha fhathast gnìomhachas iasgach malairteach a-mach à Port Rìgh, ach tha nas lugha de bhàtaichean ann na bha anns na bliadhnachan roimhe seo. Air sgàth suidheachadh fasgach, 's e àite fìor mhath a th' anns a' chala airson gheataichean agus bàtaichean cur-seachad, agus tha e trang fad mìosan an t-samhraidh.

Mar a bha bith-beò mun cuairt a' chala a' dol am meud, chaidh togalaichean a thogail airson an àireamh-sluaigh a bha a' fàs. Bha na taighean a chaidh a thogail air lùb nàdarra a' chala air Corran Bheaumont nan taighean susbainteach, a bha air an sanasachd ann an 1839 mar 'neatly furnished and well adapted for respectable families'. Air cùlaibh an t-sreath thaighean seo tha Bràighe a' Chidhe a' tha a' dol a-steach do mheadhan a' bhaile. Tha an Taigh-òsta Rìoghail, a ghabh àite taigh-seinnse Mhic an Aba, ag èirigh gu stàiteil os cionn a' chorrain anns an dealbh-camara seo. Tha an taigh-òsta ainmeil oir b' ann an seo a dh'fhàg am Prionnsa Teàrlach soraidh le Flòraidh NicDhòmhnaill, agus an dèidh sin far an do ghabh MacIain agus Boswell biadh ann an 1773.

Sa Ghearran 1963, chaidh an Taigh-òsta Rìoghail a dhroch mhilleadh le teine a thòisich ann an earrann den togalach anns nach robh duine a' fuireach, a rèir coltais air sgàth uèireadh easbhaidheach. Chruinnich am buidheann-smàlaidh ionadail gu luath, agus chaidh buidhnean-smàlaidh a chur a-mach à Caol Loch Aillse agus Inbhir Nis a thuilleadh air a h-uile aonad ionadail. Airson greis bhathas a' smaoineachadh gun deigheadh am bloca air fad, a bha a' gabhail a-steach bùthan agus taighean, a chall, agus chaidh daoine agus bathar a ghluasad a-mach gu sgiobalta. Ach, shìolaidh a' ghaoth, agus chaidh an teine a chumail ann an aon earrann den taigh-òsta. Chaidh an taigh-òsta ath-thogail, cha b' ann a' leantainn an dealbhachaidh thùsail seo, agus tha e fhathast na thaigh-òsta trang ann am meadhan a' bhaile

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cala Phort rìgh, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

1960an

Taigh-òsta Rìoghail; Taigh-seinnse Mhic an Aba; cidhe; gheataichean; cabhlach an sgadain; MacIain agus Boswell; Am Prionnsa Teàrlach

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards