Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cala Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_170
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12962
KEYWORDS
Port Rìgh
bàtaichean
Taigh-òsta Rìoghail
Am Prionnsa Teàrlach
Flòraidh NicDhòmhnaill
MacIain agus Boswell
Portree Harbour, Isle of Skye

Tha an dealbh-camara sepia seo a' sealltainn sluagh mòr air cruinneachadh aig an laimrig aig cala Phort Rìgh. Chan eil mòran ann a tha ag innse dhuinn gur e tachartas sònraichte a bha seo, no dìreach cùisean àbhaisteach mun cuairt a' chidhe. Bha lèirsinn mhòr aig Sir Seumas MacDhòmhnaill Shlèite airson Phort Rìgh, far am biodh gnìomhachasan agus bùthan, ionad trang le àireamh-sluaigh a' dol am meud a bheireadh adhartas air inbhe beatha nan eileanach. Gu mì-fhortanach bhàsaich e òg agus cha tàinig a phlanaichean gu buil. Ach dh'fhàs baile Phort Rìgh bho cheàrnaidh a' chidhe agus a' chala a bhiodh aig meadhan beatha làitheil agus obair sa bhaile. Suas gu deireadh nan 1950an bha bàtaichean-smùide a' tighinn a-steach a Phort Rìgh gach latha, a' giùlan luchd-siubhail, cargu agus litrichean. Le leasachadh nan rathaidean air feadh an eilein, obair a thug ùine mhòr, cha robh an cidhe cho cudromach airson còmhdhail dhan bhaile agus air feadh an eilein. Thar nam bliadhnachan bha amannan glè thrang aig a' chidhe le cabhlachan sgadain a' lìonadh a' chala.

Mar a dh'fhàs an cala, chaidh taighean a thogail len aghaidh chun a' chidhe, agus a-null lùb nàdarra a' chladaich gu Corran Beaumont air an làimh dheis. Chaidh na taighean susbainteach sin a shanasachadh ann an 1839 mar 'neatly furnished and well adapted for respectable families'. Air cùlaibh an t-sreath thaighean seo tha Bràighe a' Chidhe a' tha a' dol a-steach do mheadhan a' bhaile. Tha an Taigh-òsta Rìoghail, a ghabh àite taigh-seinnse Mhic an Aba, ag èirigh gu stàiteil os cionn a' chorrain anns an dealbh-camara seo. Tha an taigh-òsta ainmeil oir b' ann an seo a dh'fhàg am Prionnsa Teàrlach soraidh le Flòraidh NicDhòmhnaill, agus an dèidh sin far an do ghabh MacIain agus Boswell biadh ann an 1773.

Sa Ghearran 1963, chaidh an Taigh-òsta Rìoghail a dhroch mhilleadh le teine a thòisich ann an earrann den togalach anns nach robh duine a' fuireach, a rèir coltais air sgàth uèireadh easbhaidheach. Chruinnich am buidheann-smàlaidh ionadail gu luath, agus chaidh buidhnean-smàlaidh a chur a-mach à Caol Loch Aillse agus Inbhir Nis a thuilleadh air a h-uile aonad ionadail. Airson greis bhathas a' smaoineachadh gun deigheadh am bloca air fad, a bha a' gabhail a-steach bùthan agus taighean, a chall, agus chaidh daoine agus bathar a ghluasad a-mach gu sgiobalta. Ach, shìolaidh a' ghaoth, agus chaidh an teine a chumail ann an aon earrann den taigh-òsta. Chaidh an taigh-òsta ath-thogail, cha b' ann an leantainn an dealbhachaidh thùsail seo, agus tha e fhathast na thaigh-òsta trang ann am meadhan a' bhaile

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cala Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

1950an

Port Rìgh; bàtaichean; Taigh-òsta Rìoghail; Am Prionnsa Teàrlach; Flòraidh NicDhòmhnaill; MacIain agus Boswell

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards