Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
PS 'Fusilier' ann am Bàgh Phort Rìgh
EXTERNAL ID
HCD_CARD_171
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12963
KEYWORDS
Fusilier
bàta-smùide pleadhaig
Beinn Tianabhaig
cidhe
Telford
PS 'Fusillier' at Portree Bay

Tha bàta-smùide pleadhaig Mhic a' Bhruthainn 'Fusilier' aig Cidhe Phort Rìgh anns an dealbh-camara seo. B' i bàta a' phuist airson grunnan bhliadhnaichean air slighe Mhalaig/Phort Rìgh. Chaidh am Fusilier a thogail le J MacArtair, Pàislig agus chaidh a cur air bhog ann an 1888. Chaidh an soitheach anns an robh 202 troigh agus 281 tunna a thogail de dh'iarann agus stàilinn. Anns na 1930an dh'atharraich na sealbhadairean agus chaidh a h-ath-ainmeachadh, an toiseach Lady Orme, agus mu dheireadh Crestwave. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis ann an 1938.

Chaidh cidhe Thelford a thogail a' cleachdadh chreagan nàdarra air a bheil Am Meall. Bho na làithean bu thràithe bhiodh an cidhe air a bhith aig meadhan beatha làitheil, agus dh'fhàs baile Phort Rìgh bho mun cuairt a' chidhe agus sgaoil e a-steach. 'S e cala nàdarra a th' ann am Bàgh Phort Rìigh le cnuic ag èirigh suas mu thimcheall an fhosglaidh don Linne Rathairseach, a' cruthachadh deagh fhasgadh fiù 's ann am fìor dhroch shìde. Tha Beinn Tianabhaig (1345 troigh) ag èirigh air a chùlaibh agus tha i a' toirt fasgadh bho ghaoth làidir bhon iar-dheas

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

PS 'Fusilier' ann am Bàgh Phort Rìgh

INBHIR NIS: Port Rìgh

1920an

Fusilier; bàta-smùide pleadhaig; Beinn Tianabhaig; cidhe; Telford

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards