Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cidhe Phort Rìgh
EXTERNAL ID
HCD_CARD_173
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12965
KEYWORDS
Port Rìgh
cidhe
bàtaichean
Beinn Tianabhaig
cala
Portree Pier

Sgrìobh an neach a chuir a' chairt seo an teachdaireachd 'Excuse card' aig a' mhullach, agus bha adhbhar math aige. Chan eil an dealbh-camara dubh agus geal seo den chidhe ann am Port Rìgh san Eilean Sgitheanach a' dèanamh mòran gus an sealladh àlainn a shealltainn. Chaidh baile Phort Rìgh a thogail suas bhon chidhe le pàirt cudromach aig a' chala ann a bhith a' cumadh meud agus dòigh-beatha a' bhaile. Anns na seann làithean bha a' mhòr-chuid de thrafaig chun an eilein a' tighinn air bàta, agus b' ann nuair a chaidh rathaidean susbainteach a thogail, a bha pàirt nach roch robh cho cudromach aig bàtaichean ann a bhith a' giùlan dhaoine, litrichean agus bathar chun an eilein. Tha dà bhàta ceangailte aig ceann a' chidhe anns an dealbh seo, sealladh a chithear fhathast chun an latha an-diugh, ged a tha an t-àireamh bhàtaichean a tha a' cleachdadh Port Rìgh airson airson luchd a chur air tìr air atharrachadh gu mòr.

Air a chuartachadh le cnuic, tha cala nàdarra aig Port Rìgh a tha a' fosgladh a-mach a Linne Ratharsair, a chithear air an taobh chlì, bho ghualainn Beinn Tianabhaig a tha a' toirt fasgadh bho na gnàth-ghaothan. Tha Beinn Tianabhaig aig 413m a' toirt sealladh mìorbhaileach mun cuairt Phort Rìgh agus na bailtean mun cuairt, Eilean Ratharsair, beanntan a' Chuilthinn, agus gu na beanntan air tìr-mòr

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cidhe Phort Rìgh

INBHIR NIS: Port Rìgh

1950an

Port Rìgh; cidhe; bàtaichean; Beinn Tianabhaig; cala

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards