Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Port Rìgh bhon Mheall, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_174
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12966
KEYWORDS
bailtean
calaidhean
Portree from the Meall, Skye

Chithear air a' chairt-phuist, car dathach, seo, Port Rìgh aig toiseach an 20mh linn. Bha an neach a sgrìobh a' chairt-phuist a' fuireach aig Taigh-òsta Beaumont, an taigh mu dheireadh an sreath de thogalaichean an cois a' chladaich air Cearcall Beaumont. San dealbh air an làimh chlì tha an cidhe agus a' sìneadh air a chùl tha Bràighe a' Chidhe suas gu cridhe a' bhaile. Thogadh an dealbh bhon Mheall; rubha a tha a' sàthadh a-steach Loch Phort Rìgh le seallaidhean farsaing thar an locha, a' chidhe agus nam beanntan mun cuairt air.

'S e Cill Targhlain a chante ri Port Rìgh bho thùs, agus a rèir seanchais thugadh Port Rìgh air an dèidh dha Rìgh Seumas V a chabhlach a chuir aig acairsaid sa bhàgh an 1540 airson coinneachadh ri cinn-feadhna an àite. Agus e air làrach mheadhanail le fasgadh ri fhaighinn sa bhàgh, bha e na àite-coinneachaidh gu math goireasach aig daoine air feadh an eilein. Bliadhnachean às dèidh sin bha planaichean mòra aig Sir James Dòmhnallach air leasachadh a thoirt air beatha na feadhna a bha a' còmhnaidh air an oighreachd aige, le aon dhe na planaichean aige airson Port Rìgh leudachadh gu bhith aig cridhe malairt is gnìomhachais. An dèidh a bhàis, aig aois 25, thàinig neach eile às a dhèidh nach robh idir cho lèirsinneach no cho tuigseach, agus cha deach na planaichean aige gu buil.

Chùm Port Righ air a fàs gu bhith mar am baile as motha air an Eilean Sgitheanach. Bha cala a' bhaile aig cridhe fàis a' bhaile agus an eaconamaidh, le tiùrr bhàtaichean a' tadhal air aig àrd-ìre gnìomhachas an sgadain, is soithichean eile a' toirt luchd-tadhail ann airson a dhol mun cuairt air ceann a tuath an eilein. Leis na rathaidean air an leasachadh, charobh an ceart uireadh de phrothaid sna bàtaichean agus mu dheireadh sguir na bàtaichean cargu, daoine is postachd a bhith a' tadhal air a' bhaile gach latha

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Port Rìgh bhon Mheall, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

bailtean; calaidhean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards