Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Port Rìgh
EXTERNAL ID
HCD_CARD_182
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12971
KEYWORDS
calachan
bailtean
Telford
gheataichean
Portree

Tha cala Phort Rìgh suidhichte ann an àite àlainn mu choinneimh a' bhàigh mar a chithear san deilbh seo a chaidh a thogail bho dheireadh bàta. Tha an t-uisge-stiùireach dìreach ri fhaicinn san deilbh. Tha am bàgh gu math rumail le doimhneachd de 5-6 aitheamhan agus bhiodh tòrr bàtaichean-seòlaidh ga chleachdadh uair. Tha grunn a' chala de chrèadh làidir a tha fìor mhath air longan a chumail air acair. A dh'aindeoin seo, ge-tà, bidh an loch cha mhòr tioram aig ìsle-mara agus mar sin, ged a bha cidhe ann, bha aig stiomairean agus soithichean mòra eile ri laighe air acair agus a bhith a' toirt luchd-siubhail agus bathair gu tìr air bàtaichean beaga

Tha sgòth-smùid grinn a' laighe air acair agus tha na taighean susbainteach Seòrasach air Corran Beaumont air a chùl. Chithear Sràid a' Chidhe ri taobh a' chala a dhealbhaidh Telford air an taobh chlì. Chaidh Sreath Dhùghlais a thogail air Sràid a' Chidhe (air an robh Sràid a' Chladaich an toiseach) le sreath de dh'uinneagan dormair agus chaidh a leudachadh mun bhliadhna 1870. Tha dathan àlainn air na taighean seo a-nis agus tha e furasta an cala aithneachadh bhuapa. Air a' chnoc os a chionn, tha tùr ochd-taobhach. Tha ainmean eadar-dhealaichte air a bhith air an tùr seo - leus-mara, tùr an lèigh agus carragh-cuimhne - agus bha iomradh air planaichean air a shon ann an Courier Inbhir Nis ann an 1834. Ged a chaidh droch chron a dhèanamh air ann an stoirm ann an 1978, chaidh ath-thogail agus is e àite-seallaidh gu math mòr-chòrdte a th' ann fhathast.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Port Rìgh

INBHIR NIS: Port Rìgh

1920an

calachan; bailtean; Telford; gheataichean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards