Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Port Rìgh bhon Ear
EXTERNAL ID
HCD_CARD_183
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1920an; 1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12972
KEYWORDS
bailtean
calachan
Tòmas Telford
Bàgh Phort Rìgh
taighean-òsta
Portree from the East

Gheibhear deagh shealladh de Phort Rìgh agus thar a' bhàigh às a' chidhe aig Sgorrabreac. Tha staran ann bhon bhaile, a bhios tòrr a' cleachdadh, a tha a' leantainn a' chladaich don Sgeir Mhòr agus seachad oirre don Bheal. Chaidh am pìos talmhainn seo a cheannach ann an 1993 le Urras MhicNeacail gus an ceangal fada eadar a' Chlann agus an t-Eilean Sgitheanach a chomharrachadh.
Chithear cuid de na toglaichean as cudomaiche anns a' bhaile anns an dealbh seo, an Gathering Hall nam measg leis an sreath uinneagan anns a' cheann-bhalla aige os cionn Sràid a' Chidhe leis an Eaglais Shaoir air a chulaibh agus Taigh a' Mheall (a tha geal) chun a làimh dheis. 'S e an togalach as sìne ann am Port Rìgh a th' ann an taigh a' Mhill a chaidh a thogail le J Gilleasbaig Greumach timcheall air 1800 agus chithear e ann an gràbhal aig Daniel à 1819 leis fhèin gun preas no craobh timcheall air. Chaidh a chleachdadh mar phrìosan agus taigh-cùirt an toiseach agus suas gu beagan bhliadhnaichean air ais b' e Ionad turasachd a bh' ann ach an dràsta (2011) 's e oifisean Fèisean nan Gàidheal a tha na bhroinn.
Tha an cala, air a dheilbh le Tòmas Telford, na laighe fon Mheall choillteach, air a bheil cuideachd 'Meall na h-Acarsaid'. Air cuid de sheann mapaichean is e Fancy Hill a th' air, 's dòcha bho na gàrraidhean chraobhan agus phreasan air an cur timcheall an tùir. A rèir aithris 's e Dr Alasdair MacLeòid, an Dotair Bàn, a thog an tùr 's a chuir dreach air an tìr sna 1830an nuair a bha e na bhàillidh aig treas Morair nan Dòmhnallach, Sir Godfrey.
Tha ainmean eadar-dhealaichte air a bhith air an toirt air an tùr ochd-taobhach seo - leus-mara, tùr an lèigh agus carragh-cuimhne - agus bha iomradh air planaichean air a shon ann an Courier Inbhir Nis ann an 1834. Ged a chaidh droch chron a dhèanamh air ann an stoirm ann an 1978, chaidh ath-thogail agus is e àite-seallaidh gu math mòr-chòrdte a th' ann fhathast.
Chaidh an Taigh-òsta Marine a tha fada chun a làimh chlì a leigeil agus tha ionad-connaidh a-nis na àite. Thathar air planaichean mòra fhoillseachadh airson sgìre a' chala a leasachadh le rathad ùr timcheall bonn a' Mheall agus ionad-bàtaichean ach feumar taic airgid fhaighinn agus tha deasbadan a' leantainn mun rathad as fheàrr air adhart airson aon de na pìosan as prìseile den bhaile.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Port Rìgh bhon Ear

INBHIR NIS: Port Rìgh

1920an; 1930an

bailtean; calachan; Tòmas Telford; Bàgh Phort Rìgh; taighean-òsta

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards