Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Port Rìgh agus bho Creag an Stòir Pheighinn an Fhìdhleir, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_184
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1940an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12973
KEYWORDS
Bodach an Stòir
binneanan
cala
Port Rìgh
dathan uisge
cidhe
Eideard H MacThòmais
Portree and Storr Rock from Penefiler, Skye

Chaidh a' chairt-phuist seo a dhèanamh bho dhealbh dathan uisge tùsail le Eideard H MacThòmais. Chaidh an sealladh a pheantadh à Baile Pheighinn an Fhìdhleir sa Bhràighe, An t-Eilean Sgitheanach. Ann am meadhan an t-seallaidh tha Am Meall, an rubha nàdarra a tha a' dol a-mach do bhàgh Phort Rìgh. Air an taobh dheas, thug Am Meall stèidh nàdarra airson an cidhe agus an laimrig a thogail. Sna seann làithean, bhiodh an cidhe aig meadhan beatha làitheil Phort Rìgh le iasgach agus giùlan dhaoine, litrichean agus bathar uile air a dhèanamh aig muir. Nuair a chaidh rathaidean na b' fheàrr a thogail, cha robh an cidhe cho cudromach.

Gu taobh clì A' Mhill, tha an neach-ealain a' toirt beachd air tuineachadh a' bhaile. Fad às, tha comharra-tìre agus mara air a bheil daoine eòlach, ris an canar Bodach an Stòir. Gun teagamh, 's e aon de na seallaidhen as motha de bheil deilbh air an togail san Eilean Sgitheanach, agus tha e drùidhteach an dà chuid bho fad air falbh agus air an làrach. 'S e aon de chruinneachadh de bhinneanan creige, criomagach a tha mun cuairt an àite ris an canar A' Chomraich, a th' anns a' bhinnean creige a tha ag èirigh 165 troigh bho bhun.Tha An Stòr, ceann a deas Rubha Thròndairnis, ag èirigh suas os a chionn.

B' e neach-ealain a chuir seachad a bheatha a' peantadh bho 1918 a bh' ann an Eideard H MacThòmais, agus thathas air aithris gun do rinn e 10,000 dealbh na bheatha. Bha e fo chunnradh le Valentines à Dùn Dè, na foillsichearan, gus dealbhan air am peantadh a dhèanamh airson an cairtean-puist. Rinn e iomadh sealladh à Sgìre nan Lakes ann an Sasainn do Valentines, agus an dèidh sin, rinn e dealbhan air am peantadh de sheallaidhean na b' fhaide gu tuath, ach bha iad sin air am peantadh sa mhòr-chuid bho dhealbhan-camara, agus glè thric bha e a' cleachdadh cead neach-ealain sna dealbhan a bha e a' peantadh. Air sgàth obair a bhith cho torrach, thathas den bheachd gun do pheant e cus dhealbhan airson obair a mheasadh sònraichte

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Port Rìgh agus bho Creag an Stòir Pheighinn an Fhìdhleir, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

1940an

Bodach an Stòir; binneanan; cala; Port Rìgh; dathan uisge; cidhe; Eideard H MacThòmais