Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_185
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1920an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12974
KEYWORDS
Port Rìgh
cidhe
bàtaichean
Taigh Goirtean na Creige
Ach an Iasgair
Sgoire Breac
Portree, Skye

Tha a' chairt-phuist seo le fiamh-dhath aotrom a' sealltainn sealladh de Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach c1920. Chaidh a thogail à Sgoire Breac air taobh tuath a' bhaile, agus tha e a' toirt sealladh coileanta den chala fhasgach a bha cho cudromach do bheatha làitheil a' bhaile. Tha am Meall, an rubha a tha a' dol a-mach don bhàgh, a' toirt stèidh nàdarra bhon deach an cidhe agus an laimrig a thogail. Chaidh am Meall a chur a-mach agus craobhan a chur mar phàirc tràth anns an 19mh linn. Tha taighean leis an aghaidh ris a' chidhe air an làimh chlì, agus tha iad a' leantainn lùb nàdarra a' chladaich gus na taighean spàideil, susbainteach air Corran Beaumont a chruthachadh. Mar a dh'fhàs am baile, chaidh taighean a thogail nas fhaide air falbh bhon chladach, agus air taobh a' chnuic, a' cruthachadh Barraid Bhosville, a tha a' leantainn lùb an fhearainn, agus fhathast a' gabhail a-steach sheallaidhean àlainn a' bhàigh.

Tha Ach an Iasgair air taobh chlì an deilbh. Tha na feansaichean agus craobhan a' comharrachadh crìochan gach croit a tha follaiseach le croitean a' ruith chun a' chladaich agus na taighean-croite faisg air a' chladach. Ann am meadhan an deilbh gu clì tha Taigh Goirtean na Creige, air a chuartachadh le craobhan a chaidh a chur sna 1880an. Chaidh a thogail c1790 do sheumarlan Mhorair MhicDhòmhnaill, agus chaidh ath-mhodaileadh anns na 1880an. Tha Taigh Ghoirtean na Creige air a bhith air a ghabhail air mhàl/ann an sealbh an aon teaghlaich airson còrr agus 200 bliadhna agus tha e air a bhith air a ruith mar thaigh-òsta bho na 1950an

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

1920an

Port Rìgh; cidhe; bàtaichean; Taigh Goirtean na Creige; Ach an Iasgair; Sgoire Breac