Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An t-Eilean Sgitheanach, Port Rìgh bho Ach an Iasgair
EXTERNAL ID
HCD_CARD_189
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12976
KEYWORDS
Port Rìgh
cala
Ach an Iasgair
Ach a' Bhàigh
Sir Seumas MacDhòmhnaill
croitean
àiteachas
Somhairle
Isle of Skye Portree from Fisherfield

Tha an dealbh-camara seo a' coimhead gu tuath gu baile Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach. Bha planaichean aig Sir Seumas MacDòmhnaill Shlèite ann an 1763 airson leasachadh eaconamach agus àiteachais a' bhaile, ach gu mì-shealbhach bhàsaich e agus gun e ach 24. Cha deach a phlanaichean mòra a choileanadh a-riamh, ach mean air mhean dh'fhàs am baile mun chala fhasgach a bha na mheadhan airson beatha làitheil agus malairt na ceàrnaidh, agus thàinig e gu bhith mar am baile bu mhotha air an eilean.

'S e Ach a' Bhàigh a chanar ris a' cheàrnaidh ris a' chladach air an taobh dheas, agus tha Ach an Iasgair air an taobh chlì. Chaidh taighean beaga croite a thogail ris a' chladach aig Ach an Iasgair, le croitean a' sìneadh a-steach air an tìr air an cùlaibh nan sriopan fada, caola. Le leasachadh mean air mhean air na rathaidean, cha robh àite cho cudromach aig a' chala ann an eaconamaidh an eilein. Sgaoil am baile a-steach air an tìr le taighean agus gnìomhachasan gan togail air falbh bhon chala, agus timcheall air a' phrìomh cheàrnaidh mun cuairt Ceàrnag Shomhairle. Tha mullach cas Eaglais na h-Alba ann an Ceàrnag Shomhairle ann am meadhan an deilbh seo.

'S e an Taigh-òsta Rìoghail an togalach air a pheantadh geal a th' anns an dealbh-camara seo. Tha an taigh-òsta ainmeil oir b' ann an seo a dh'fhàg am Prionnsa Teàrlach soraidh le Flòraidh NicDhòmhnaill, agus an dèidh sin far an do ghabh MacIain agus Boswell biadh ann an 1773. Sa Ghearran 1963, chaidh an Taigh-òsta Rìoghail a dhroch mhilleadh le teine a thòisich ann am pàirt den togalach anns nach robh duine a' fuireach, a rèir coltais air sgàth uèireadh easbhaidheach. Chruinnich am buidheann-smàlaidh ionadail gu luath, agus chaidh buidhnean-smàlaidh a chur a-mach à Caol Loch Aillse agus Inbhir Nis a thuilleadh air a h-uile aonad ionadail. Airson greis bhathas a' smaoineachadh gun deigheadh am bloca air fad, a bha a' gabhail a-steach bùthan agus taighean, a chall, agus chaidh daoine agus bathar a ghluasad a-mach gu sgiobalta. Ach, shìolaidh a' ghaoth, agus chaidh an teine a chumail ann an aon earrann den taigh-òsta. Chaidh an taigh-òsta ath-thogail, cha b' ann an leantainn an dealbhachaidh thùsail seo, agus tha e fhathast na thaigh-òsta trang ann am meadhan a' bhaile.

'S e Taigh Ach na Mara, an taigh le leudachadh chun a' chùil agus craobhan stèidhichte mun cuairt air, a chithear gu taobh clì an deilbh. B' e seo dachaigh an sgrìobhadair bìdh, ùghdar agus neach-naidheachd ainmeil, Derek Cooper, aig aon àm. Tha an taigh seo a-nis ann an sealbh prìobhaideach

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An t-Eilean Sgitheanach, Port Rìgh bho Ach an Iasgair

INBHIR NIS: Port Rìgh

1950an

Port Rìgh; cala; Ach an Iasgair; Ach a' Bhàigh; Sir Seumas MacDhòmhnaill; croitean; àiteachas; Somhairle

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards